Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic : Stòrlann office at Harbour View, Stornoway

Taic-ionmhais

Tha Stòrlann ga mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba, tro sgeama nan Tabhartasan Sònraichte airson Foghlam Gàidhlig, agus le Bòrd na Gàidhlig.

Tha ballrachd aig gach ùghdarras ionadail a tha a’ faighinn Tabhartas Sònraichte airson Foghlam Gàidhlig sa chompanaidh. Tha ballrachd shònraichte aig na ceithir ùghdarrasan aig a bheil na tabhartasan as àirde; ’s iad sin Comhairle Bhaile Ghlaschu, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comhairle nan Eilean Siar. Tha ballrachd shònraichte aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ riochdachadh Foghlam Treas Ìre, agus aig Comunn na Gàidhlig. Tha ballrachd chumanta aig na buill eile. Nam measg sin tha grunn bhuidhnean Gàidhlig, a bharrachd air na h-ùghdarrasan ionadail eile a tha a’ faighinn Tabhartas Sònraichte.

Cuir Fios

01851 700880
Graphic: FF correction