Cunntasan
Tha na faclan aca air an aithris le DU GilleMhoire, DI MacRisnidh agus DI Dòmhnallach.
Iain F MacLeòid
Raoir Reubadh an Iolaire le Ceitidh Ghreumach (1)
Tha e glè dhuilich dhòmhsa tòiseachadh dol a dh’innse nì mu thimcheall. Bha an rud cho duilich is feagal orm duine sam bith a ghoirteachadh timcheall air an rud.
Bha a’ chofhurtachd cho mòr; an t-soitheach cho math bhon a h-uile sealladh; bha cothrom againn air a feadh ann an àit’ sam bith, anns a’ first agus second class. Dh’iarr iad oirnn sinn fhìn a dhèanamh cho cofhurtail ’s a b’ urrainn dhuinn. Soitheach ghlan is sinn nar sìneadh innt’ ann an àit’ sam bith; staigh anns na saloons ’s air an làr ’s air sèithrichean ’s anns a h-uile h-àit’. Bha mi anns an staidhre a bha dol sìos gu àit’ nan oifigearan. Sin far an robh mòran dhen an t-sluagh againn – a h-uile duine a gheibheadh àit’ ann, ann am fasgadh math is ann am blàths math.
Cha robh guth againn air càil. Bha am bàta dol mar bu chòir dhi; cha robh guth againn air dè bha dol a thachairt dhuinn.
Iain MacIllfhinnein
Bha brìos mòr air a’ ghaoith – deas an iar-dheas chanainn-sa, dìreach air a’ phort quarter – a’ tighinn tarsainn agus mar a b’ fhaisg’ a bha sinn a’ dol a thighinn do Steòrnabhagh, bha i fàs na bu mhiosa. Bha an t-soitheach a’ dèanamh oidhche mhath dheth an dèidh sin.
Bha an solas furasta gu leòr fhaicinn nuair a thàinig sinn a-steach, ach bha sinn ro fhada gu tuath. Tha mi cinnteach ann gun robh. Uill, cha robh an cùrs a rèir a’ chombaist a bha anns a’ stand a bh’ air an deic a bha mise coimhead ann; bha puing gu tuath aige a bharrachd air na bu chòir dha a bhith.
Bha an t-soitheach cho fada bho a cùrs’ agus ro fhaisg a-staigh dha fearann an Rubha, air dhòigh is nach robh i os cionn a’ chunnairt.
Chuir fear a mhuinntir nan Loch “Bliadhna Mhath Ùr dhuibh” agus chuir sinne air ais i.
Raibeart MacFhionghain
Chuala mi fear eile ag ràdh “Tha sinn gu bhith steach” agus chuir sinn umainn oillsgin is bha sinn nar suidhe shuas anns an toiseach, deiseil airson steapadh aist’.
Iain F MacLeòid
Cha robh guth againn air càil nuair a thug am bàta sraon suas air an sgeir; dh’fhairich sinn an t-slide – ’s ann a shamhlaich mis’ e ri nuair a bha mi na mo bhalach ’s a dh’fhalbhainn air deigh.
Chanadh tu dìreach gun robh ar mionach a’ dol mu ar claigeann: a h-uile cnàimh a bha na do chorp, bha i ga chriothnachadh.
Bha dùil againn an toiseach gur e mine a bhuail i; ach dh’aithnich sinn mar a thuit i, air a cliathaich, mar gum biodh i air mol tioram – gur e bualadh ann an sgeir a rinn i. Chaill ise buoyancy agus chaidh i air a cliathaich – gu starboard. Dh’èigh balach a bhuineadh dhan a’ bhail’ againn fhìn rium gun robh i air grunndachadh. Liost i an uair sin. Bha i cho cas, bha i air angle cas.
Cha b’ urrainn dhuinn seasamh idir agus thuit mòran de rudan a-mach aiste. Dh’fhaighnich mi do dh’fhear an robh beachd aige càit an robh sinn ’s thuirt e gun robh glè mhath – gur ann air Biastan Thuilm a bha sinn.
’S e an toiseach aic’ a bh’ air a’ chreig, ’s thòisich an deireadh aic’ a’ swingeadh a-steach.
Thuirt mise rium fhìn an uair sin, “Tha sinn faisg, tha sinn air a’ chreig. ’S ann air na creagan a tha sinn a-rèist agus tha teans mhath againn faighinn dhith.” Fhuair mi saorsainn mhòr. Bha mi ag ràdh rium fhìn nach briseadh i, co-dhiù gu latha, seach gun robh i air na creagan. Cha robh sin glè fhada gu ’n robh e air a mhealladh orm-sa.
Cha robh tìr fad às ged a bha i doirbh agus an fhairge dona. Bha an oidhche fàs gu math dona ’s a’ ghaoth a’ fàs cho mòr, ’s gun robh tonnan a’ tighinn bho deireadh ’s bho toiseach. Chaidh an t-àite cho dorch ’s chan fhaiceadh sibh càil ach muir geal – ’s bha marcach-sìne uabhasach a’ tighinn tarsainn oirr’ , ’s cha mhòr gum b’ urrainn dha duine a shùil fhosgladh…
Thòisich an ùpraid an uair sin; cha robh càil ach a h-uile duine dèanamh air a shon fhèin. Bha daoine nam breislich ’s cha robh iongnadh sam bith ged a bhitheadh, thàinig e cho aithghearr orra. Agus ’s e ’n dorchadas, ’s e ’n dorchadas. Cha robh càil ach ag èigheachd siud ’s ag èigheachd seo, ’s a h-uile duine ag èigheachd, agus cha robh cobhair sam bith air an son. Cha robh cobhair sam bith air an son.
Bha an oidhche cho doirbh agus cho dorch’ agus nach fhaiceadh duine nì sam bith. Cha robh daoine faicinn cho uabhasach is a bha an cunnart a bh’ ann a siud.
Bha nise ’n fhairge na cùis-uabhais agus cha chluinneadh sibh facal, cha chluinneadh sibh facal, cha chluinneadh.
Bha a h-uile duine falbh ’s cha robh fios agad càit an robh iad a’ dol, ach bha iad air a’ mhove, bha iad air a’ mhove gun stad.
A’ chuid bu mhotha bha còmhla riumsa a rinn deiseil steapadh aist’, leum iadsan a-mach air a’ mhuir. Tha mi creidsinn gun robh dùil aca gun robh i dol seachad.
Chaidh sinn an-àirde chun na drochaid agus bha an sgiobair ann. Chaidh Verey lights a chur an-àirde. Agus chunnaic mi am Beacon agus chunnaic mi Sheila dol a-steach an loch.
Chunnaic mi feadhainn a’ dol cho àrd ’s a b’ urrainn dhaibh air na riggings ach b’ fheudar dhan a h-uile duine aca a thighinn a-nuas – cha b’ urrainn dhaibh grèim a chumail air sgàth a’ swing a bh’ aig na cruinn.
Nuair a dh’fhalbh mise mach, ghabh mi suas ’s bha mi dol suas dhan toiseach aic’ a-rithist, ’s bhuail cnap mara orm mu thaobh a’ chinn ’s chuir e mo bhonaid a-mach air a’ mhuir, ’s chuir e mi fhìn tuathal.
Raibeart MacFhionghain
Sheall mi air gach taobh dhìom agus… bha lifebelt ann a sin… thug mi leam e ’s bha e agam. Thòisich sinn an uair sin a’ coimhead an fheadhainn a thòisich a’ launchadh nan eathraichean; thòisich na h-eathraichean a’ bristeadh air a’ phort side. Bha leithid dol innt’, agus thòisich sinn an uair sin a’ cur sìos ròpan às an t-soitheach fhèin; agus na daoine sin a bha anns a’ mhuir, bha iad a’ greimeachadh air an ròp, ’s bha a’ chuid bu mhotha aca a’ tighinn an-àirde air ais.
Thilg mi lifebelt bhuam is chuir mi dhìom na b’ urrainn mi. Bha mi smaoineachadh gum buannaichinn co-dhiù gu tìr – bha snàmh agam gun teagamh – ach bha eagal orm ron chladach. Bha eagal orm gum faodadh e bhith dona.
Leig mi mi fhìn a-mach an uair sin. Agus chùm mi chun a’ chladaich agus b’ fheudar dhomh tilleadh air falbh. Bha am muir ga mo shadadh – cha robh mi faighinn grèim no càil. Thàinig suaile mhòr agus dh’fhalbh i leam chun a’ chladaich. Thug an dàrna tonn air ais mi a-mach… chuir cuideigin thugamsa ròp. Chùm mise grèim is chaidh na tonnaichean seachad orm ’s cha do leig mi às mo ghrèim an uair sin. Cha robh mi an dèidh càil ach faochadh fhaighinn an dèidh m’ anail a tharraing a-rithist nuair a thàinig an ath fhear ’s dh’fhalbh am fear sin leam.
Cha robh càil a dh’fhios agam air càil tuilleadh gu ’n d’ fhuair mi mi fhìn air sgeir ’s am muir ga mo chobhraigeadh suas gu lèir.
Thòisich na daoine ud a’ leum dhan dà eathar a chaidh a chur a-mach air an taobh leis. Bha an tè a bh’ air an toiseach na bu mhotha na ’n tè a bh’ air taobh an deiridh. Bha na daoine a’ leum agus cha robh mothachadh aca dè bha dol a thachairt – gum faodadh i dhol thairis no fiù ’s a dhol fodha.
Bha eathar ann a sin air a lowerigeadh. Chaidh mi dhan eathar bheag agus bha sianar againn innt’. Swampaig am muir i agus dh’fhalbh a h-uile duine aca aiste, agus thàinig mi an uair sin a-rithist chun an t-soithich agus fhuair mi grèim air an ròp, air an save-line a bha shìos aig ceann na davit. Agus, dh’fheuch mi làmh air làimh an-àirde ri taobh an t-soithich agus bha e a’ dèanamh cuideachadh mòr dhomh nuair a thilgeadh am muir chun a’ starboard i. Bha mise an uair sin, bha am muir ga mo thogail, thaobh seach gun robh mi a’ feuchainn ri mi fhèin easaigeadh air an ròp an-àirde, agus bha mi faighinn an-àird. Rug fear air bhroilleach orm, agus thuirt esan rium mo ghrèim a leigeil às air an ròp. Ach cha robh mi deònach air an ròp a leigeil às. Rug an-ath-fhear orm agus thug iad a-steach mi air taobh shuas na davit.
Cha robh deireadh an ath-cheartais ann nuair a dh’fhalbh i bhon sgeir agus thàinig i head-on chun na gaoithe. Thàinig dà thonn mhòr bhon toiseach ’s bhon deireadh; ’s nuair a bhuail iad am bàta sin a bh’ air an toiseach lìon i làn mara ‘s cha do sheas i ris a’ mhuir. Chuir i car, agus chan eil mi smaoineachadh gun tàinig sgamhan beò as a’ bhàta bh’ ann a sin. A-rithist, an tè bh’ air an deireadh chaidh a bristeadh – dh’fhalbh a’ chliath leatha ’s chuir i na sgealban ris a’ chliathaich i – agus an fheadhainn a bha san tè sin fhuair a’ chuid aca air ais a-rithist air bòrd.
Bha mise smaoineachadh gum biodh i ann gu latha – an soitheach mòr ud, nach briseadh i gu latha co-dhiù. Ach cha tug e càil a bharrachd air uair a thìde gus nach robh càil ann dhith ach an dà chrann.
Uill, dh’fhalbh ise mach ’s bhris fairge steach air a feadh an uair sin, ’s sweepig sin a h-uile càil a bh’ ann – a h-uile càil.
Bha i an dèidh liosteadh a-mach. ’S ann a-steach a bha i ’n toiseach ’s bha i an dèidh liosteadh a-mach ’s cha robh càil agams’ air uachdar ri fhaicinn ach na cruinn agus bàrr na drochaid – bha funnel an dèidh falbh aist’.
Bha mi smaoineachadh gur e na boileirean aice a dh’explodaig, oir chitheadh tu lasair air uachdar na fairge ag obair a-null agus a-nall airson greiseag ann a sin, agus chaidh a h-uile càil an uair sin na thost.
Iain F MacLeòid
Bha Freasdal an cùl an nì dha na shàbhail.