ceum air cheum...
Anns an t-Sultain, choisich luchd-obrach Stòrlann 52 mìle airson
airgead a thogail do thaigh-èiridinn BHETHESDA ann an Steòrnabhagh.
Thòisich an sgioba ann an Steòrnabhagh agus choisich iad chun
an Tairbeairt sna Hearadh. An uair sin bhathar an dòchas coiseachd
eadar Ùig agus Port Rìgh ach às dèidh mu chòig mìle bha e soilleir
gun robh an rathad tuilleadh agus cunnartach. Thog an sgioba orra
mar sin gu rathad a’ Bhràighe agus choisich iad an aon astar an sin.
Bha e mar amas cothrom a thoirt do bhuill na sgioba a tha ag
obair air falbh on oifis ùine a chur seachad len co-obraichean gus
ceangalan sgioba a neartachadh. Bha làithean grianach againn agus
làithean nach robh cho grianach ach abair gun robh i a’ deàrrsadh
nuair a ràinig sinn Port Rìgh!
Gu ruige seo thathar air mu £7,000 a thogail do Bhethesda agus
thathar fhathast a’ cruinneachadh a’ chòrr.
www.bethesdahospice.co.uk