Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Image : Close-up of alphabet letters

Cumhaichean

Fàilte don làraich-lìn aig Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig (Stòrlann). Ma leanas tu ort a’ sealltainn air an làraich-lìn agus ga cleachdadh tha thu ag aontachadh gun cùm thu ri agus gum bi thu air do cheangal le na cumhaichean cleachdaidh a leanas, a tha, cuide ri ar poileasaidh prìobhaideachd, a’ riaghladh dàimh Stòrlann riut an co-cheangal ris an làraich-lìn seo.


Dlighe Seilbh Inntleachdail

Mura canar an caochladh, tha dlighe seilbh inntleachdail san làraich-lìn agus stuthan air an làraich-lìn aig Stòrlann no ar luchd-aonaid. Le ùmhlachd don cheadachd gu h-ìseal, tha na dlighean seilbh inntleachdail sin uile glèidhte.


Bu chòir fios a bhith agad air seo mun fhiosrachadh againn

Tha Stòrlann a’ ruith na làraich-lìn seo mar mhodhalachd dhaibhsan a thaghas a dhol a-steach innte. Tha am fiosrachadh a th’ air a thaisbeanadh an seo airson fiosrachadh a-mhàin. Tha Stòrlann a’ toirt cead do luchd-cleachdaidh tadhal air an làraich agus fiosrachadh, sgrìobhainnean agus stuthan bhon làraich a luchdachadh a-nuas, a chopaigeadh agus a chlò-bhualadh airson feum pearsanta, neo-mhalairteach no oideachail. Tha seo gun chead sam bith an ath-reic no ath-riarachadh air neo obraichean a’ buntainn dhaibh a chur ri chèile no a chruthachadh, le ùmhlachd do na cumhaichean gu h-ìseal, agus cuideachd le ùmhlachd do bhacaidhean nas mionaidiche a bhuineas ‘s dòcha ri stuth sònraichte am broinn na làraich seo.

Tha am fiosrachadh againn air a thoirt seachad an asgaidh agus tha e airson cuideachadh a thoirt do shreath mhòr de luchd-cleachdaidh a’ gabhail a-steach thidsearan agus clann-sgoile, luchd-ionnsachaidh inbheach, buidhnean foghlaim, teaghlaichean le clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus luchd-cleachdaidh coitcheann bho Alba is àitean eile.

Air sgàth ’s gu bheil iad coitcheann nan gnè chan urrainnear na stuthan a mheas iomlan. Mura canar an caochladh gu soilleir, tha na briathran clàraichte agus mìneachaidhean agus co-dhùnaidhean a tha air an cur an cèill air an làraich-lìn seo le luchd-obrach agus co-chomhairlichean eadar-dhealaichte Stòrlainn a dh’ullaich an obair. Chan urrainn dhuinn dhol an urras gu bheil am fiosrachadh a’ freagairt air suidheachadh sònraichte an nì a tha thu a’ sireadh.

A dh’aindeoin ar uile dhìchill faodaidh cuid dhen fhiosrachadh a bhith sean. Mar sin tha thu ag aithneachadh gum faod mearachdan a bhith ann am fiosrachadh agus stuthan mar seo agus tha sinn a dh’aon ghnothach a’ cumail às buailteachd airson leithid a mhearachdan dhan làn-ìre a tha ceadaichte fon lagh. Bidh an t-uallach ort fhèin airson cuideam sam bith a chuireas tu air an fhiosrachadh againne no air ceanglaichean ri làraich-lìn eile.


Na rudan nach fhaod thu a dhèanamh

Chan fhaod thu:

  • stuth bhon làraich-lìn seo ath-fhoillseachadh ach airson adhbharan mar gu h-àrd
  • stuth air an làraich-lìn a reic, a thoirt air mhàl no fho-cheadachadh air dhòigh eile
  • mac-samhail, lethbhreac no copaidh a dhèanamh de stuth air an làraich-lìn no a chleachdadh air dhòigh eile airson adhbhar malairteach
  • stuth sam bith air an làraich-lìn a dheasachadh no atharrachadh air dhòigh eile
  • stuth bhon làraich-lìn seo ath-riarachadh ach an stuth a tha gu sònraichte agus a dh’aon ghnothach airson ath-riarachad

Bu chòir fios a bhith agad air seo a thaobh làraich eile ris am bi sinn a’ ceangal

Bheir ceangalan thu gu làraich-lìn eile. Ged a bhios sinn gu cunbhalach a’ toirt sùil orra chan eil iad fo ar smachd. Chan eil na tha air làrach-lìn ceangailte sam bith an urra rinne agus chan urrainn dhuinn uallach a ghabhail airson buil a thig ma chleachdas tu fiosrachadh no seirbheisean air làraich-lìn cheangailte. Chan urrainn dhuinn dhol an urras gun obraich na ceangalan sin fad na tìde.

Chan eil ar làrach-lìn a’ cur aonta ri no a’ taobhadh ri bathar malairteach sònraichte no gnìomhachas sam bith. Chan eil ceangal ri làrach-lìn treas pàrtaidh a’ ciallachadh aonta; dèan fhèin breithneachadh co-dhiù a bheil am fiosrachadh no an t-seirbheis air an làraich-lìn sin a’ freagairt air d’ fheumalachdan. Mura h-eil ceangal ri làrach-lin, chan eil seo a’ ciallachadh gu bheil i neo-iomchaidh. Tha ath-sgrùdadh air a dhèanamh gu cunbhalach air na làraich-lìn cheangailte ann an solas cleachdadh agus fios air ais bho luchd-cleachdaidh.


Dìon bho bhìorasan

Bidh sinn a’ dèanamh gach oidhirp na làraich-lìn againn fheuchainn agus a dhearbhadh rè na h-ùine a tha sinn gan cur ri chèile. Ach, mholamaid dhut prògram an aghaidh bhìorasan a ruith air rud sam bith a luchdaicheas tu a-nuas bhon Eadar-lìon. Chan eil sinn a’ gabhail ri buailteachd sam bith airson milleadh sam bith air do shiostam coimpiutair, no call dàta air sgàth a bhith a’ cleachdadh na làraich-lìn seo air neo a tha ag èirigh à bhith a’ cleachdadh na làraich-lìn seo.


Lagh freagarrach

Tha an làrach-lìn seo agus a bhith ga cleachdadh air an riaghladh le Lagh na h-Alba agus bidh uachdranas a-mhàin aig Cùirtean na h-Alba air connspaidean sam bith co-cheangailte ri ar làraich-lìn.


Mion-fhiosrachadh


Seo ainm slàn na companaidh againn:

Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig (The National Gaelic Educational Resource Agency)

Seo an seòladh againn:

11/12 Acarsaid, Cidhe Sràid Chrombail, Seòrnbhagh, Eilean Leòdhais HS1 2DF

Cuir brath thugainn an seo:

Fòn: 01851 700880 Facs: 01852 700870 post-d: oifis@storlann.co.uk

Tha a’ chompanaidh clàraichte an Alba – SC 190298

 

Cuir Fios

01851 700880
Graphic: FF correction