Tuairisgeul
‘S e balach tapaidh a th’ ann an Tomas.
Cha robh san amharc aige a-riamh ach obrachadh gu cruaidh san sgoil, na deuchainnean aige a phasaigeadh, agus gabhail dhan arm.
Cha do leig e seachad an t-srì, fiù ‘s nuair a rugadh triùir pheathraichean a chuir a bheatha aig an taigh bun-os-cionn.
Ach nuair a thig dunaidh air latha na deuchainn, feumaidh Tomas smaoineachadh air plana. Gu luath. Agus ‘s e an rud as tapaidhe a rinn e riamh a bhios ann!

