Clàr nan Eileamaidean
01 Cèitean 2012
’S e stòr-dàta briathrachais air-loidhne a th’ anns ‘An Seotal’, a tha ag amas gu sònraichte air àrd-sgoiltean a tha a’ teagasg chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig.
Tron obair aig ‘An Seotal’ tha e air dèiligeadh ri tòrr briathrachas saidheans, agus o chionn ghoirid rinn am pannal co-dhùnaidhean air briathrachas co-cheangailte ri eileamaidean ceimigeach.
Mar thoradh air an seo, chaidh postair a chruthachadh a tha a’ sealltainn Clàr nan Eileamaidean, agus chaidh a sgaoileadh air àrd-sgoiltean a tha a’ teagasg Gàidhlig.
Chaidh a sgaoileadh cuideachd gu clasaichean sia agus a seachd ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig gus cothrom a thoirt dha sgoilearan fàs eòlach air facail a bhios iad a’ cleachdadh tric nuair a thòisicheas iad a’ dèanamh cùrsaichean saidheans san àrd-sgoil.
Tha am briathrachas air fad bhon a’ phostair seo, agus beagan a bharrachd fiosrachaidh mu na facail, ri fhaighinn air ‘An Seotal’ aig www.anseotal.org.uk