Catrìona air chuairt
Catrìona a’ tadhal a-rithist...
Tha ceithir leabhraichean ùra againn bhon t-sreath seo airson nan tràth-ìrean agus na sgoil-àraich. Tha Ist agus Faigh Iasg Dhòmhsa stèidhte timcheall air na cuspairean biadh agus bùithtean. An uair sin tha Spòrs le Sgudal agus Gluasad Gleusta stèidhte air togail mar ghnìomhachas. Tha pacaichean de stuthan-taic air gach cuspair a’ dol còmhla ris na leabhraichean agus bidh cd-rom a’ tighinn a-mach a dh’aithghearr air am bi audio de na sgeulachdan am measg rudan eile.
Tha notaichean do thidsearan rim faighinn gu h-ìosal.
Notaichean
Faigh Iasg dhòmhsa
Ist!
Spòrs le Sgudal
Gluasad Gleusta
Catrìona air chuairt
Tha iomadach seòrsa stuth is cur-seachad ann am baga Catrìona a chuidicheas tidsearan agus inbhich eile Curraicealam nan Tràth Ìrean a lìbhrigeadh an Alba. Seo na nithean bunaiteach sa bhaga:
- Aon leabhar dhealbhan Catriona air chuairt
- Aon sheata de dheich thaighean Sràid a’ Chnuic
- Ceithir leabhraichean beaga: Am Bèicear, An Dotair, Am Fear-smàlaidh, An t-iasgair
- Aon phupaid Catrìona
- Aon dèideag Catrìona
- Dà shamhail de dh’aghaidhean-coimheach airson gabhail-riochd: Catrìona an cat; Calum an cù
- Ceithir samhailean de phupaidean maide: am bèicear, an dotair, am fear-smàlaidh, an t-iasgair (feumaidh tu maidean loili, no rudeigin coltach ris, airson pupaidean a dhèanamh)
- Aon gheama chumaidhean Catriona (ceithir cairtean-bùird; ceithir cairtean ‘cumadh’ airson an gearradh a-mach; aon dìsinn ‘cumadh’
- Aon sheata de cheathrad ’s a h-ochd cairtean-dhealbh beaga
- Aon gheama lotto Catrìona (ceithir cairtean lotto, sia-deug cunntairean, sia-deug cairtean-dhealbh air an toirt bho sheata ’s a bheil ceathrad ’s a h-ochd)
- Aon shnìomhadair airson geama fhaireachdainnean: ‘Ciamar a tha thu a Chatrìona?’
- Dà dhuilleag de steigearan duaise Catrìona
Feallsanachd
Tha a h-uile càil an cois Catrìona stèidhichte air caractar cat òg ceasnachail agus an toileachas a tha e a’ toirt dhi a bhith a’ cèilidh air a caraidean ’s a nàbaidhean. Gu fortanach tha iad uile a’ fuireach ann an aon bharraid fhada, Sràid a’ Chnuic, ann an taighean a tha eadar-dhealaichte ann an àirde, leud, dath agus cumadh; tha àireamh nan uinneagan eadar-dhealaichte, dìreach mar a tha an dreach agus coltas nan dorsan. Thathas an dòchas le bhith a’ toirt sheallaidhean bho thaobh muigh agus staigh gum brosnaich seo iomadach còmhraidh agus coimeis oir tha na daoine nam broinn cuideachd ao-coltach ann an aois, gnè, cinneadh agus am bith-beò. Tha an leabhar dhealbhan ann am meud freagarrach airson a leughadh a-mach, agus airson a chleachdadh ann am buidhinn bhig.
Tha pàtrain cànain glè chudromach ann an Catrìona air Chuairt. Tha pàtran àireamh nan taighean, dòigh aoigheachd, tairgse bracaist is freagairt Catriona: Cha ghabh, tapadh leat (no thank you) an aon rud gach turas gun tig i chun an taigh mu dheireadh, far nach eil tìde aice freagairt leis a’ chabhaig a th’ oirre faighinn air falbh bho Chlaum, cù mòr dealasach an lighiche-sprèidh! Tha dòigh cunntaidh air adhart, stèidhichte aig taigh àireamh a h-aon, a’ dol calg-dhìreach an aghaidh sin nuair a tha Catrìona a’ dèanamh a slighe dhachaigh.