Ann an leabhar-ciùil Bi Sunndach agus Seinn tha 34 òrain, rannan agus geamannan a chaidh a dhealbh gus ùidh chloinne de gach ìre comais a thogail agus am brosnachadh.
Ged a tha mòran de na h-òrain ùr, tha cuid ann air a bheil sinn eòlach agus measail, nam measg 8 òrain thraidiseanta ann an nòs ùr.
Le bhith a’ gabhail pàirt anns na geamannan ciùil spòrsail seo, ionnsaichidh clann sgilean ciùil bunaiteach leithid a bhith ag èisteachd, a’ gabhail cothrom mu seach, a’ cumail na buille, a’ faireachdainn ruitheam agus a’ fàs mothachail air pitse.
Le cuideachadh bho chlann agus bho thidsearan san Eilean Sgitheanach, tha sinn air bhidiothan a chlàradh a tha a’ sealltainn cuid de na h-òrain gan cleachdadh san sgoil.
Carson nach clàr thu òrain san sgoil agad fhèin, agus faodaidh tu an cur thugainn?
Seall air na bhidiothan an seo.