Òrain

Anns an leabhar ciùil Bi Sunndach agus Seinn le Dolina Rothach tha 34 òrain, rannan agus geamannan a chaidh a dhealbh gus ùidh chloinne de gach ìre comais a thogail agus am brosnachadh.

Ged a tha mòran de na h-òrain ùr, tha cuid ann air a bheil sinn eòlach agus measail, nam measg 8 òrain traidiseanta ann an nòs ùr.

Le bhith a’ gabhail pàirt anns na geamannan ciùil spòrsail seo, ionnsaichidh clann sgilean ciùil bunaiteach leithid a bhith ag èisteachd, a’ gabhail cothrom mu seach, a’ cumail na buille, a’ faireachdainn ruitheam agus a’ fàs mothachail air pitse.

A bharrachd air seo, gheibh clann òg le Gàidhlig cothrom gu leòr abairtean agus briathrachas a thogail agus a chleachdadh ann an co-theacsa gnìomhach, le gnìomhan leudachaidh air an dealbh gus an cànan a dhaingneachadh.

Tha an leabhar ag amas air mòran de na builean co-cheangailte ris a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais a lìbhrigeadh tro bhith a’ rannsachadh gluasad, fuaim agus faireachdainn. Cuimhnich nach eil anns an stiùireadh ach molaidhean agus gum bu chòir dhut atharrachadh gus freagairt air comasan agus feuman na cloinne.

Bi gnìomhach agus feuch gum bi spòrs agad…bi sunndach agus seinn!

 

bi-sunndach-book-cards

Òrain (PDF)