Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic: Smeòrach Mi

This poetry anthology brings us different styles from different times and different areas under ten headings. These relate to work at higher level and give readers the opportunity to compare and consider what these times and places have to say about human needs.

There is an introduction under each topic, a short biography on each poet, helpful notes and mini dictionary for each poem. Amongst the 150 poems are works by both male and female, with famous poets such as Sorley Maclean and Derick Thomson as well as poets who have not previously published in Gaelic collections.

Review by Ronald Black, The Scotsman (12/07/2008)

  • Relationships
  • Love
  • Humour
  • Nature
  • Emmigration
  • War and Conflict
  • Politics
  • Religion
  • Heritage
  • Celtic Neighbours



An Teine Beò

Màiri NicDhòmhnaill

Ceanglaichean
Air an teannachadh
Le làmhan cruaidh a’ chosnaidh

Tughadh
Sìoman fraoich
Ga chumail dìon

Àrd-doras
Leac bhuinn
An doras fosgailte

Chan eil mo chasan cinnteach
San dubhar

Ach tha èibhleagan dearga
Air leac an teintean
An teine beò!

Am beannachadh

Is i a’ tionndadh
Lasair an teine
Na h-aodann
Blàths an teine
Na sùilean

Agus tha mo chridhe
A-nis
Cinnteach.



Sgàthan

Meg Bateman

Tha solas nan làithean ud
glacte ann an sgàthan m’ inntinn,
mar sgàthan cruinn cam Van Eyck,
’s tu fhèin ’s mi fhìn ann,
gun dùrd, gun ghluasad,
mo làmh aig cùl do chinn
’s do làmh-sa air mo chliathaich
san deàlradh shòlaimte ud;
tha sgleò air a’ chòrr de na làithean
is air na mìosan bhon uair sin,
’s sinn ann an glacaibh a chèile
ann am boillsgeadh geal na cuimhne,
an sgàthan mì-fhreagarrach làn
san dorchadas a tha gar n-iadhadh.

 

 

 



A’ Togail Dhealbh

Ruaraidh MacThòmais


Cailleach mhòr Shasannach
is briogais theann oirr’,
air màs man tuba,
a’ togail dealbh
de tharbh Gàidhealach
ri taobh an rathaid
an Siorrachd Pheairt.
Cha robh fhios aice dè chanadh i
nuair a thug an tarbh
Leica às a dhosan
’s a thog e dealbh
dhith fhèin.

 

 

 



Guilbneach

Murchadh Dòmhnallach


Ged dh’itheadh beul na h-oidhche
Mo nàbaidhean ’s mo chàirdean
Tha mi fada nad chomain
A ghuilbnich
Airson gun dhùisg sibh
Amhran balbh nam bhodhaig
A thrusaich mi fhìn le ceòl –
Is còmhladh, choisich sinn a-mach
Dhan an fhionnaraidh

 

 

 

 

 

 

 

 



plaide dheanntag

Aonghas MacNeacail


eadar ceann agus sàil na leapa
plaide dheanntagan sgaoilte
far an robh achadh òg
far an robh cur is buain
far an robh gaol is gàire
far an robh breith is àrach

eadar ceann is sàil na leapa
coille lotach nan deanntag
’s an tòrachd mhìn-ghuineach
ann an neoichiontas an duillich
lot a’ bhreith is lot a’ bhàis
lot nan cleas is lot nan càs

aimsirean a dh’innseadh duilleag
dubh is gorm an ceann a chèile
samhla ’n airgid anns na fèithean
seall am faicear dearc am falach
seall am faicear bil’ a phògas
ann an ràithe, brot an dòchais

freumhaichean nach ruig an cridhe
ach buinn tha luasganach le beatha



Latha Foghair

Somhairle MacGillEain

’S mi air an t-slios ud
latha foghair,
na sligean a’ sianail mu m’ chluasan
agus sianar marbh ri mo ghualainn,
rag-marbh – is reòta mur b’ e an teas –
mar gum b’ ann a’ feitheamh ri fios.

Nuair a thàinig an sgriach
a-mach às a’ ghrèin,
à buille ’s bualadh do-fhaicsinn,
leum an lasair agus streap an ceathach
agus bhàrc e gach rathad:
dalladh nan sùl, sgoltadh claistinn.

’S na dhèidh, an sianar marbh,
fad an latha;
am measg nan sligean san t-strannraich
anns a’ mhadainn,
agus a-rithist aig meadhan-latha
agus san fheasgar.

Ris a’ ghrèin ’s i cho coma,
cho geal cràiteach;
air a’ ghainmhich ’s i cho tìorail
socair bàidheil;
agus fo reultan Afraga,
’s iad leugach àlainn.

Ghabh aon Taghadh iadsan
’s cha do ghabh e mise,
gun fhaighneachd dhinn
cò b’ fheàrr no bu mhiosa:
ar leam, cho diabhlaidh coma
ris na sligean.

Sianar marbh ri mo ghualainn
Latha foghair.



Òran Eile Don Phrionnsa

Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair
(Alasdair MacDhòmhnaill)

Hug ho o, laithill o ho ro
Hug o ho ro an àill leibh
Hug ho o laithill o ho ro
Seinn o ho ro àill leibh

Moch sa mhadainn ’s mi dùsgadh
’S mòr mo shunnd ’s mo cheòl-gàire
Nuair a chuala mi am Prionnsa
Thighinn do dhùthaich Chlann Ràghnaill

Gràinne mullaich gach rìgh thu
Slàn gun till thusa Theàrlaich
’S ann tha an fhìor-fhuil gun truailleadh
Anns a’ ghruaidh is mòr-nàire

Nan tigeadh tu rithist
Bhiodh gach tighearn nan àite
’S nan càraicht’ an crùn ort
Bu mhùirneach do chàirdean

’S nam faighinn mo dhùrachd
Bhiodh an Diùc air dhroch chàradh
Gum biodh bùidseir na feòla
Agus a’ chorcaich mu bhràghaid



Crann-Ceusaidh fo Bhlàth

Crìsdean Whyte


Thàinig duilleach air a’ chrann,
gucagan a’ putadh a-mach nan tarrag,
snodhach a’ ruith, ga chur air chrith,
an coron droighneach a’ dol na dhuslach,
na h-eòin gun fhiamh a’ sgròbadh sgreaban
na fala tioram air falbh len guib.
Tha ’n crann-ceusaidh gu lèir a’ dol
a-rithist na chraoibh!

Trobhad, thig a-nuas, gabh mo làmh!
Greas ort! Chan eil feum air faclan a-nis.
Bi saor, is sàmhach, is meal do latha,
is falbh nad chreutair faoin gad chall
measg cruthannan iomadach an t-saoghail




Rodhag, anns a’ Bhliadhna 2000

Catriona NicGumaraid

Nuair a bheir an fheannag
an t-sùil às a’ chaora mu dheireadh,
bidh mi ri dìdearachd air d’ uinneagan:
bidh iad an sin
a’ cluich chairtean
’s ag òl Beaujolais,
poodle a’ dannsa mun casan;
bidh fàileadh blàth a’ bhainne


air falbh às na bàthchannan,
’s iad làn thruinnsearan fuar’ cruaidh’ pottery
airson an luchd-turais;
fuaim nam brògan tacaideach nan samhlaichean
a’ coiseachd air monadh;
na croitean uaine fàsail
gun bhristeadh spaide.


Nuair a bheir an fheannag
an t-sùil às a’ chaora mu dheireadh,
bidh mi ri farchluais
air d’ uinneagan,
ri d’ osagan ag ochanaich,
’s na guthan cruaidh Sasannach
a’ dol an aghaidh na gaoith’.



Às a’ Chòrn


An Dùn

Garfield Richardson


An dynas coth a sef ‘vel dans
Dhe var an vre a-ugh an nans,
Ha du erbyn an ebron las
Whath ef a wyth war wun ha pras…

Tha an seann dùn a’ seasamh mar dheud
air bhàrr a’ chnuic os cionn an t-srath,
agus dubh an aghaidh guirme speur,
fhathast na fhreiceadan thar mhonadh ’s fhaich’.
Tha uaighean domhainn shìos fon fhòd -

anaman a shiubhail a dh’Annown
cuirp a bha calma nis’ an crèadh,
gun chuimhne orra.
Ach sèididh fhathast na gaoithean tlàth
dham b' aithne, nan latha, na laoich
agus am fuil ruadh a' sileadh nar cuirp
tro chuislean falaichte.







Graphic: FF correction