Skip to content

Pròiseact an Dàrna Cogaidh

Chaidh an goireas eadar-chuspaireil seo a chruthachadh airson taic a thoirt do luchd-teagaisg an cuspair seo a lìbhrigeadh le clasaichean 4-7 sa bhun-sgoil.

Tha planaichean agus goireasan feumail ann a tha a’ ceangal ris na cuspairean a leanas: A’ planadh CuspairAig an Dachaigh, Fògradh Chloinne, Anne Frank, Am Blitz, Prìosanaich Cogaidh, Obair nam Mnathan, Latha a’ Chuimhneachaidh.

VE DAY
Latha VE

Luchdaich a-nuas

No downloads found!

    Toiseach a’ Chogaidh

     

     

    Image: Newspaper Vendor

    Neville Chamberlain - 11.15m, 3 Sultain, 1939

    Toiseach a’ Chogaidh

    Bliadhnaichean an dèidh a’ Chiad Chogaidh cha robh an t-sìth anns an Roinn Eòrpa ach cugallach.

    Bha Adolf Hitler ag obair gus a’ Ghearmailt a dhèanamh na dùthaich chumhachdach agus ged a rinn riaghaltasan Bhreatainn agus dùthchannan Eòrpach eile an dìcheall stad a chur air, dh’ fhaillich orra, agus leis sin thòisich cogadh cho mòr ’s cho cosgail ’s a bha riamh ann an eachdraidh a’ chinne-daonna.

    No downloads found!

      “Tha an dùthaich seo a’ cogadh ris a’ Ghearmailt…”

      Image: Photograph of WW2 Battleship
      Graphic: 1930's Crown

      Aig An Dachaigh

      Graphic: Montage of WW2 Posters
      Graphic: Union Flag

      Cò ris a bha e coltach a bhith beò ann am Breatainn aig àm a’ chogaidh?

      WW2 Gas Mask

      • Am Fògradh
      • An Sgoil
      • Raiseanadh
      • Cur-seachadan
      • An Dubhadh
      • Fasgaidhean Anderson agus masgaichean-gas
      • Feachd na Dùthcha
      home guard shoulder badge
      No downloads found!
        Graphic: Montage of WW2 Posters

        Am Blitz

        Fhuair sluagh Bhreatainn rabhadh anns an t-Sultain 1939 dùil a bhith aca ri ionnsaighean-adhair.

        Dè an sgrios a rinn a’ Luftwaffe air bailtean Bhreatainn oidhche an dèidh oidhche agus dè na h-oidhirpean a chaidh a dhèanamh gus daoine a dhìon bho bhomaichean feachd-adhair na Gearmailt?

        No downloads found!
          Image: Stuka Dive Bomber

          Blitz Bruaich Chluaidh

          Twitter

          Nam b’ e an-dè an-diugh, ciamar a chluinneamaid naidheachdan a’ chogaidh?

          Dè th’ ann an Twitter agus ciamar a bhios daoine ga chleachdadh gus teachdaireachdan a chur agus a leughadh.

          Ionnsaich mun dòigh anns am bi naidheachdan air an sgaoileadh air na meadhanan sòisealta.

          BBC – Naidheachdan

          BBC – An Là

          BBC – Radio nan Gàidheal

          No downloads found!

            Silhouette

            ’S iomadh ìomhaigh cogaidh a chì duine agus a dh’ fhuiricheas na inntinn.

            Tha cuid de luchd-ealain air silhouette thogalaichean sònraichte agus measgachadh dhathan a chleachdadh gus buaidh a’ mhillidh agus ionnsaighean a’ Bhlitz a thoirt gu aire dhaoine.

            Icon
            Am Blitz Silhouette

            an-darna-cogadh-henry-moore

            Artaigil pàipeir-naidheachd

            Seall ri eisimpleirean de sheann phàipearan-naidheachd bho àm a’ chogaidh gus faicinn an dreach a bh’ orra agus an stoidhle sgrìobhaidh a bh’ aig an luchd-naidheachd aig an àm agus smaoinich mu na h-ionnsaighean a thug bomairean Gearmailteach air factaraidhean armachd agus gàrraidhean shoithichean Taobh Chluaidh.

            Foghlam Alba – The Clydebank Blitz

            Icon
            FACLAN - AM BLITZ
            Icon
            PÀIPEAR NAIDHEACHD

             

            Beòthachadh

            Dè na h-ìomhaighean a thig gu d’ aire nuair a smaoineachas tu air a’ Bhlitz?

            Cothrom an seo beò-dhealbh mun Bhlitz a chruthachadh a’ cleachdadh stiall film, dealbh 3D no taois.

            Icon
            MEASADH AIR CARAID - BEOTHACHADH
            Icon
            STIALL FILM

             

            stamp-blitz

            Graphic: Bombs
            Graphic: Bombs
            Image: Anne Frank
            Image: Anne Frank's Diary
            Stamp - Iudhach

            Anne Frank

            Rugadh Anneliese Marie Frank ann am Frankfurt am Main sa Ghearmailt air 12ra An t-Ògmhios 1929.

            Ghluais Otto Frank a theaghlach gu sàbhailteachd ann an Amsterdam anns An Òlaind nuair a bha e foilleasach gu robh gràin aig Hitler agus aig ceannardan Nadsaidheach eile air Iùdhaich agus gun robh iad a’ dèanamh leth-bhreith air feadhainn eile a bha, nam beachdsan, a’ cumail na dùthcha air ais.

            Chaidh leabhar-latha a thoirt do dh’Anne Frank air a co-là breith nuair a bha i 13 bliadhna.

            Sgrìobh i leabhar-latha fad còrr air dà bhliadhna nuair a bha i fhèin agus a teaghlach air falach bho na feachdan Nadsaidheach ann an Amsterdam.

            Sgrìobh i mu cuingealachadh agus a bhith a’ call saorsa ri linn a bhith am falach bho na Gearmailtich.

            Beatha le Buaidh – Anne Frank

             

            No downloads found!

              The Secret Annex Online

              Beatha le Buaidh

              Clann air Fògradh

              Chaidh an t-òrdugh ‘Dèanaibh fògradh air ball’ a thoirt seachad aig 11.07m Diardaoin 31 Lùnastal 1939.

              Mar thoradh air seo chaidh faisg air 3,000,000 leanabh a ghluasad à mòr-bhailtean agus à bailtean Bhreatainn ann an iomairt Opairèisean Pied Piper, gus faighinn air falbh bho bhomairean na nàmhaid.

              Foghlam Alba – Evacuation

              YouTube Carrie’s War

              No downloads found!

                Prìosanaich Cogaidh

                Image: PoWs walking with hands in the air

                Bha sinn a’ coiseachd a h-uile latha, fad trì seachdainean.”

                PoWs

                Èist ri seann ghaisgich ag innse mar a thachair dhaibh nuair a chaidh an glacadh agus an cur an grèim mar phrìosanaich ann an campaichean-cogaidh sa Phòlainn.

                Tobar an Dualchais – 24665
                Tha dithis shaighdearan à Uibhist a Tuath ag innse mar a thachair às dèidh dhaibh a bhith air an glacadh aig na Gearmailtich aig St Valery ann an 1940: mar a chaidh an toirt nam prìosanaich-cogaidh gu campaichean anns a’ Phòlainn, far an robh iad an greim gu 1945.

                Tobar an Dualchais – 5747
                Chaidh Seonaidh MacIllIosa gu Cardiff airson deireadh-seachdain airson cruinneachadh de sheann eòlaichean; prìosanaich cogaidh a bha air a bhith còmhla ris ann an campa Milag Nord ann an ceann a tuath na Gearmailt eadar 1941 agus 1945.

                Èisteachd loidhne tìm agus leabhar latha

                No downloads found!

                  Èisteachd, aithisg

                  No downloads found!

                    german stamp ww2 a

                    German officer speaking to POWs - WW2
                    pow 2
                    WRNS LAPEL BADGE

                    Obair nam Mnathan Aig Àm A’ Chogaidh

                    Womens Timber Corps

                    Leis gun deach barrachd is barrachd fhireannach a thogail dha na feachdan armaichte, cha robh gu leòr air fhàgail gus na factaraidhean a chumail a’ dol, no tuathanasan a chumail a’ fàs biadh.

                    Dh’fheumadh boireannaich an obair a b’ àbhaist do fhireannaich a dhèanamh a ghabhail os làimh.

                    Foghlam Alba – Mnathan an Fhiodha agus Caileagan Fearainn

                    Taigh-tasgaidh nan Gàidheal – Obair Àm-cogaidh Anna NicDhòmhnaill

                    ATS operating searchlight World War 2

                    • An WRNS – Seirbheis Cabhlach Rìoghail nam Ban
                    • An ATS – Seirbheis Taic Dhùthchail
                    • An WAAF – Feachd-adhair Taic nam Ban
                    • An WLA – Feachd Fearainn nam Ban (Feachd Fearainn na h-Alba, ann an Alba)

                    Womens' Land Army

                    No downloads found!
                      Graphic: Montage of WW2 Posters
                      Image: Womens' Land Army Badge

                      Aig dol fodha na grèine…

                      Latha a’ Chuimhneachaidh

                      Air Latha a’ Chuimhneachaidh bidh daoine a’ cur urram air na milleanan a chaidh às an rathad ann an diofar chogaidhean o sguir a’ Chiad Chogadh.

                      Tha dà mhionaid de shàmhchair ga chumail aig 11m air an 11mh den t-Samhain, ach carson a tha seo agus dè bhios a’ tachairt aig Seirbheis Cuimhneachaidh?

                      Latha a’ Chuimhneachaidh (MS Sway)

                      No downloads found!

                        Commando Memorial, Spean Bridge