Leabhraichean
Gheibhear an cois seo copaidhean de ghoireasan a chuireas taic ri obair pròiseact an Dàrna Cogaidh. Tha na leabhraichean air am meas freagarrach do chlasaichean 4-7.
Seallaidh an ceangal a tha eadar an dà leabhar dha na sgoilearan a’ bhuaidh a bh’ aig a’ chogadh air aon teaghlach.
Dòchas an t-Samhraidh
Tha Dòchas an t-Samhraidh stèidhte air a’ chàirdeas a tha a’ fàs eadar dà cho-ogha ’s uamhasan a’ chogaidh air an dithis a thoirt còmhla air eilean beag, sàmhach.
Leabhar-latha Chaluim
Tha Leabhar-latha Chaluim ag innse mun àm a theich dithis shaighdearan bho na feachdan Gearm ailteach an dèidh dhaibh a bhith air an cur an grèim ann an Saint Valery En Caux. Sgeulachd phearsanta a tha a’ toirt sealladh air na cothroman a ghabh iad agus na cunnartan a thàinig nan lùib ’s iad a’ dèanamh air an dachaigh.
Fògarrach
Bheir Beatha Làitheil Fògarrach an Dàrna Cogaidh beachd air cò ris a bha e coltach do chloinn nam mòr-bhailtean an dachaighean fhàgail gus faighinn air falbh bho chunnart bhomaichean nan Gearmailteaich. Beatha ùr air an dùthaich a bha na dhùbhlan mòr do chuid.
Tha sinn gu mòr an dòchas gun còrd na goireasan ùr ri na sgoilearan agaibh agus gum brosnaich iad clann gu bhith a’ leughadh theacsaichean ficsean agus neo-fhicsean mu chuspair eachdraidheil.
Tha Stòrlann a’ cur fàilte air beachdan bho luchd-teagaisg agus sgoilearan. Cuiribh thugainn ur beachdan air na leabhraichean ùra seo air oifis@storlann.co.uk no air 01851 700 880.