-
1914 - 1918
A' Chiad Chogadh
Air 28 Ògmhios 1914 chaidh Archduke Franz Ferdinand, a bha gu bhith os cionn na h-Ìmpireachd “Austro-Hungarian”, a mharbhadh ann an Sarajevo, Bosnia. Mìos an dèidh bàs Franz Ferdinand, thòisich cogadh leis An Ostair agus An Ungair a’ sabaid an aghaidh Serbia.
Thàinig a’ Ghearmailt a-steach dhan chath gus taic a thoirt dhan Ostair. Bha iad cuideachd airson crìochan na dùthcha a leudachadh gu mòr agus smachd fhaighinn air an Roinn Eòrpa. Chuir seo eagal air dùthchannan eile na Roinn Eòrpa agus thàinig an Fhraing agus an Ruis còmhla gus sabaid nan aghaidh. Cha robh Breatainn airson sabaid an toiseach, ach nuair a dh’fheuch a’ Ghearmailt ri ionnsaigh a thoirt air an Fhraing tron Bheilg, dh’atharraich cùisean.
Cha robh A’ Bheilg airson pàirt a ghabhail sa chòmhstri, ach nuair a thàinig arm na Gearmailt tron dùthaich, cha robh roghainn aca. Air sgàth ‘s gun robh còrdadh ann eadar Breatainn agus A’ Bheilg gus càch a-chèile a chuideachadh, air 4 Lùnastal 1914 ghairm Breatainn cogadh an aghaidh na Gearmailt.
Ged a bha a h-uile duine an dòchas nach maireadh an cogadh fada, agus gum biodh na saighdearan uile “dhachaigh ron Nollaig”, lean a’ Chiad Chogadh fad ceithir bliadhna. Thathar am beachd gun deach 10 millean duine a mharbhadh ann, bha 750,000 dhiubh sin à Breatainn fhèin, agus chaidh dà uiread an àireimh sin a leòn.
Dh’aontaich a’ Ghearmailt, An Ostair agus An Ungair sgur a chogadh air 11 Samhain 1918.
-
30 An t-Sultain 1938
'Peace in our Time'
-
1939
1939
-
30 Am Faoilleach 1939
Reichstag
Mhaoidh Hitler air na h-Iùdhaich ann an òraid anns an Reichstag.
-
1 An t-Sultain 1939
A’ Phòlainn
Thuirt Hitler nach robh ann an gealladh Munich, ach a scrap of paper. Chaidh arm na Gearmailt a-steach dhan Phòlainn.
-
3 An t-Sultain 1939
Toiseach a' Chogaidh
Bha Breatainn agus an Fhraing air a ràdh gum biodh iad deònach sabaid an aghaidh na Gearmailt nan toireadh iad ionnsaigh air a’ Phòlainn. Air an treas latha den t-Sultain, sin a thachair. Thòisich an Dàrna Cogadh le Astràilia agus Sealan Nuadh cuideachd air taobh Bhreatainn.
Chaidh feachd à Breatainn (British Expeditionary Force) a chur dhan Fhraing.
Chaidh an Athenia a chur fodha le U-30 is chaill còrr air ceud duine am beatha.
-
5 An t-Sultain 1939
Ameireaga
Thuirt Ameireaga nach gabhadh iad taobh seach taobh anns a’ chogadh.
-
17 An t-Sultain 1939
An Ruis
Thàinig an Ruis dhan chogadh, a’ toirt ionnsaigh bhon ear air a’ Phòlainn.
-
27 An t-Sultain 1939
A’ Phòlainn fo smachd
Dh’aidich A’ Phòlainn gun robh an dùthaich fo smachd nan Gearmailteach.
-
14 An Dàmhair 1939
HMS Royal Oak
Chuir na Gearmailtich HMS Royal Oak fodha ann an Scapa Flow ann an Arcaibh. Chailleadh 833 duine.
-
An t-Sultain 1939 – An Cèitean 1940
A’ Phoney War
Seo an t-àm ris an cante a’ Phoney War anns an Fhraing.
- 13 An t-Samhain 1939
-
1940
1940
-
8 Am Faoilleach 1940
Raiseanadh a’ tòiseachadh
Thòisich raiseanadh a thaobh ime, siùcar is hama ann am Breatainn.
-
17 An Gearran 1940
Clann air Fògradh
Rinn Breatainn planaichean gus 400,000 leanabh a ghluasad a-mach à bailtean.
-
10 An Cèitean 1940
Winston Churchill
Bhris na Gearmailtich a-steach dhan Fhraing, dhan Bheilg, a Lugsamburg, agus dhan Tìr Ìosal. Chaidh Winston Churchill a thaghadh mar prìomhaire Bhreatainn.
-
14 An Cèitean 1940
A’ Home Guard
Ann am Breatainn, chaidh a’ chiad ghairm a-mach airson Local Defence Volunteers, a’ Home Guard mar a chante riutha.
-
26 An Cèitean 1940
Dunkirk
Leis a h-uile seòrsa bàta, thòisicheadh air saighdearan BEF (British Expeditionary Force) a bha glaiste aig Dunkirk san Fhraing a shàbhaladh. Lean an obair seo gu 3 Ògmhios.
-
4-10 An t-Ògmhios 1940
St Valery-en-Caux
B’ ann an dèidh Dunkirk a chaidh mòran shaighdearan a bha air am fàgail san Fhraing a ghlacadh aig St Valery-en-Caux.
-
10 An t-Ògmhios 1940
Nirribhidh & An Eadailt
Ghèill Nirribhidh do na Nadsaidhean agus ghairm Mussolini às an Eadailt cogadh an aghaidh Bhreatainn agus na Frainge.
-
22 An t-Ògmhios 1940
An Fhraing a' gèilleadh
Ghèill an Fhraing is chaidh an dùthaich a sgaradh. Bha an ceann a tuath fo smachd nan Gearmailteach.
-
10 An Iuchar 1940
Am Blitz agus Blàr Bhreatainn
Thòisich ‘Blàr Bhreatainn’ leis an RAF a’ sabaid an aghaidh an Luftwaffe. Mhair e gu 31 Dàmhair.
-
7 An t-Sultain 1940
Am Blitz
Thòisich am Blitz ann an Lunnainn le 300 bomair Gearmailteach a’ tighinn tarsainn le 600 plèan eile a’ toirt taic dhaibh.
-
15 An t-Sultain 1940
Ionnsaighean uabhasach
Ionnsaighean uabhasach le plèanaichean Gearmailteach air Lunnainn, Southampton, Bristol, Cardiff, Liverpool agus Manchester ged a choisinn an RAF ‘Blàr Bhreatainn’.
- 14-15 An t-Samhain 1940
-
1941
1941
-
13-14 Am Màrt 1941
Blitz Bruaich Chluaidh agus Glaschu
Ionnsaigh bhomaichean air Bruaich Chluaidh. Mharbhadh còrr air mìle duine ann am Bruaich Chluaidh agus ann an Glaschu.
-
28 An t-Sultain 1941
An Arctic Convoy
Dh’fhalbh a’ chiad bhàtaichean a bha a’ toirt bathar à Breatainn dhan Ruis.
- 31 An Dùbhlachd 1941
-
1942
1942
-
21 An t-Ògmhios 1942
Convoy PQ-17
Le 33 soitheach anns a’ Chabhlach Mharsantach sheòl Convoy PQ-17 à Innis Tìle a’ dèanamh air Archangel.
-
4 An t-Iuchar 1942
Ionnsaigh air Convoy PQ-17
Chaidh ionnsaigh a thoirt air Convoy PQ-17. Chaidh dà bhàta a chur fodha, chaidh a dhà a mhilleadh agus chaidh iarraidh air na soithichean eile dealachadh bho chèile.
-
23 An Dàmhair 1942
Blàr El Alamein
Thòisich Blàr El Alamein an aghaidh feachdan Rommel an ceann a tuath Afraga.
-
4 An t-Samhain 1942
“Monty”
Bha a’ bhuaidh aig Seanailear Bernard “Monty” Montgomery aig El Alamein. B’ e bha os cionn an 8mh Feachd ann an Afraga a Tuath.
-
5 An t-Iuchar 1942
An Arctic Convoy - PQ-17
Thug na Gearmailtich fìor ionnsaigh air PQ-17.
-
10 An t-Iuchar 1942
Archangel
Ràinig a’ chiad dà bhàta bho PQ-17 Archangel. Chailleadh 23 soithichean air fad ’s iad a’ giùlan 430 tanca, 210 plèana, 3,350 carbad agus faisg air 100,000 tunna bathair.
- 17 An Dùbhlachd 1942
-
1943
1943
-
14-24 Am Faoilleach 1943
Co-labhairt Casablanca
An dèidh co-labhairt Chasablanca eadar Roosevelt agus Churchill, thuirt Roosevelt nach tigeadh crìoch air a’ chogadh gus an gèilleadh a’ Ghearmailt gu tur.
- 28 An t-Samhain 1943
-
1944
1944
-
22 Am Faoilleach 1944
Anzio
Chaidh na Caidrich air tìr aig Anzio.
-
16 An Gearran 1944
Ionnsaigh aig Anzio
Thug na Gearmailtich ionnsaigh orrasan a bh’ air a’ chladach aig Anzio.
-
25 An Cèitean 1944
Na Gearmailtich a' teicheadh
Theich na Gearmailtich à Anzio.
-
6 An t-Ògmhios 1944
D-Day
D-Day le feachdan nan Caidreach a’ dol air tìr ann an Normandy.
-
13 An t-Ògmhios 1944
Rocaidean V-1
Rinneadh a’ chiad ionnsaigh le rocaidean V-1 air Breatainn.
-
4 An Lùnastal 1944
Anne Frank
Chaidh Anne Frank agus a teaghlach a thoirt an grèim leis a’ Ghestapo ann an Amsterdam.
- 21 An t-Sultain 1944
-
1945
1945
-
26 Am Faoilleach 1945
Campa Auschwitz
Chaidh Campa Auschwitz a shaoradh le na Sobhietich.
-
12 An Giblean 1945
Chaochail Roosevelt
Chaochail Roosevelt agus chaidh àite a ghabhail le Harry S. Truman.
-
29 An Giblean 1945
Campa Dachau
Chaidh campa Dachau a shaoradh le 7mh Feachd nan Ameireaganach.
-
30 An Giblean 1945
Hitler
Chuir Hitler às dha fhèin.
-
7 An Cèitean 1945
Ghèill feachdan na Gearmailt
Ghèill feachdan na Gearmailt air fad.
-
8 An Cèitean 1945
Latha VE
-
26 An t-Iuchar 1945
Clement Attlee
Chaill Churchill an taghadh ann am Breatainn. B’ e Clement Atlee am prìomhaire ùr.
-
6 An Lùnastal 1945
Bomaichean Atamach - Hiroshima
Leag na h-Ameireaganaich boma atamach air Hiroshima
-
9 An Lùnastal 1945
Bomaichean Atamach - Nagasaki
Leag na h-Ameireaganaich boma atamach air Nagasaki.
-
14 An Lùnastal 1945
Iapan
Dh’aontaich Iapan gun gèilleadh iad gun chùmhnant
-
2 An t-Sultain 1945
Latha V-J
Chuir na Iapanaich ainm ri pàipearan a’ ghèillidh. Seo V-J Day a’ comharrachadh buaidh thairis air Iapan.
Dealbhan: Wikimedia Commons | Imperial War Museum
Loidhne-tìm