Skip to content

Postairean

Anns na làithean mus robh telebhisean anns a h-uile dachaigh agus fada mus deach feum a thoirt às na meadhanan sòisealta, b’ e craoladh rèidio agus priont na dòighean a b’ fheàrr air teachdaireachdan a sgaoileadh chun a’ mhòr-shluaigh.

Aig àm an Dàrna Cogaidh, chaidh caochladh phostairean dathach a dhealbh gus daoine a bhrosnachadh gu bhith a’ cuideachadh le iomairt a’ chogaidh. Cha b’ ann dìreach airson feadhainn a thogail dhan chogadh a bha iad, ach cuideachd airson toirt air sìobhaltaich smaoineachadh air cuspairean bho obair nam mnathan agus caomhnadh gu bhith a’ brosnachadh gràin air an nàmhaid agus taic don chaidreabhas.

Mar bu trice, dheigheadh postairean a thaisbeanadh ann an oifisean a’ phuist, stèiseanan-rèile, sgoiltean agus bùthan.

Gabhaidh mion-sgrùdadh a dhèanamh air postairean gus beachd fhaighinn air ciamar a bha an Riaghaltas a’ feuchainn ri buaidh a thoirt air an t-sluagh.

Na postairean…