Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic: An Seotal

Chan e ite na circe brice a th’ anns ‘An t-Seotal’ seo...

25 Lùnastal 2007

Chuir Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig pròiseact ùr air bhog an t-seachdain seo chaidh a tha ag amas air feumalachdan briathrachais àrd-sgoile a nochdadh agus a fhreagairt. Mar a mhìnich Criosaidh NicRath, Oifigear a’ Phròiseict

‘Le cuspairean ùra bhith air an teagasg tron Ghàidhlig ann an Glaschu is àiteannan eile tha sgoilearan agus luchd-teagaisg a’ cur feum air briathrachas nach eil stèidhichte fhathast sa Ghàidhlig. An-dràsta tha tòrr eadar-theangachaidh ga dhèanamh aig ìre nan ùghdarrasan ionadail agus tha e coltach gu bheil diofar fhaclan gan cleachdadh ann an diofar àiteannan. Tha ‘An Seotal’ ag amas air aon eadar-theangachadh a thoirt do sgoiltean. Tha seo gu sònraichte cudromach aig ìre nan deuchainnean nàiseanta, far am bi sgoilearan air feadh na dùthcha a’ suidhe an aon phàipeir agus far a bheil e deatamach gun tuig iad na tha romhpa
.’

Mhìnich Criosaidh nach eil an stòr-data air an làrach idir làn fhathast ach le bhith ga fhoillseachadh fhad ’s a thathar ga lìonadh, gu bheilear a’ toirt cothrom do sgoiltean an stuth a chleachdadh mar a nochdas e, agus na beachdan agus iarrtasan aca fhèin a chur an cèill. Tadhail air www.anseotal.org.uk gus an t-seirbheis a chleachdadh.

Graphic: FF correction