Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic: Ceumannan

Ceumannan - Cùrsa ùr do Luchd-ionnsachaidh san Àrd-sgoil

26 Lùnastal 2008

Tha Stòrlann an-dràsta ag obair air cùrsa ùr do luchd-ionnsachaidh san àrd-sgoil a’ tòiseachadh le leabhar 1 is 2 do sgoilearan air a’ chiad dà bhliadhna. Thathar an dòchas gum bi na leabhraichean anns na sgoiltean san Lùnastal 2009.

Tha an t-Oifigear Leasachaidh airson Gàidhlig san àrd-sgoil, Shona NicCarmaig, air a bhith an sàs gu mòr anns a’ phròiseact bhon a thòisich i aig Stòrlann anns a’ Ghiblean. Anns an Lùnastal, thòisich Emma Christie mar sgrìobhaiche a’ chùrsa agus tha Emma trang an-dràsta ag ullachadh agus a’ cruthachadh stuth. Bha Emma agus Shona a’ teagasg luchd-ionnsachaidh fad iomadh bliadhna ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh agus tha a h-uile coltas ann gum bi an goireas ùr seo feumail agus tarraingeach do luchd-ionnsachaidh aig ìre gu math cudromach. 

Thèid pàirt den stuth ùr a thaisbeanadh aig An t-Alltan anns an Dàmhair far am faigh luchd-teagaisg cothrom beachdachadh air agus air na h-ath cheumannan.

Graphic: FF correction