
Naidheachdan
Tha Stòrlann, a’ bhuidheann a bhios ag ullachadh stuthan teagaisg Gàidhlig do sgoiltean, air fhoillseachadh gu bheil iad air ceannard ùr fhastadh. ’S esan Dòmhnall Uilleam MacGille Mhoire, a b’ àbhaist a bhith ag obair aig Bòrd na Gàidhlig.
Tha an t-sreath Obair nan Ceallan a’ mìneachadh nan siostaman aig ceithir diofar sheòrsaichean de cheallan: craiceann, fèith, fuil agus cnàimh.
Air ùr nochdadh bho Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig tha Faclair na Sgoile. ’S e ath fhoillseachadh a tha san fhaclair de Bhrìgh nam Facal, le Ridseard Cox, a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1991.
Air nochdadh às ùr bho Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig agus Young Musicians Hebrides tha A' Chiste-Chiùil.
Tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig agus a' Chomhairle airson Curraicealam, Deuchainnean & Measadh (CCEA), air a bheil uallach airson goireasan foghlam Gaeilge ann an Èirinn a Tuath, air co-obrachadh gus goireas foghlaim tlachdmhor fhoillseachadh air a bheil 'Mar a chuala mise e' – cruinneachadh de sgeulachdan traidiseanta air an ath-innse.
Tha Stòrlann Nàiseanta Na Gàidhlig toilichte a ràdh gu bheil an goireas airson Eaconamas Dachaigh a-nis air fhoillseachadh.










