Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Image: British Colonial Soldiers


Nochdaidh dà ghoireas ann an àrd-sgoiltean a dh’aithghearr:
Image : Eadar dà Sgeul

Eadar Dà Sgeul  – Cruinneachadh de sgeulachdan goirid (sean agus ùr) 

Anns a’ chruinneachadh seo, gheibhear feadhainn de na sgeulachdan as ainmeile ann an Gàidhlig, nam measg An Taghadh le Iain Mac a’ Ghobhainn agus Briseadh na Cloiche le Iain Moireach.  A bharrachd orra sin, tha cuid de sgeulachdan ùra ann le Daibhidh Màrtainn, Kevin MacNeil agus Mòrag Mhàrtainn.  Cuideachd, tha ro-ràdh air leth feumail ann le Dòmhnall Iain MacLeòid. Tha sinn an dòchas gum bi rudeigin sa chruinneachadh seo do gach sgoilear Gàidhlig aig gach ìre san àrd-sgoil.

Airson taic a chumail ri tidsearan, bidh seat de dhuilleagan-obrach a’ nochdadh air-loidhne a thèid còmhla ris na sgeulachdan anns am bi obair do luchd-ionnsachaidh agus do na fileantaich, a bharrachd air notaichean tidseir. Bu chòir don leabhar a bhith anns na sgoiltean an-ath-mhìos.

Image: illustration of two newsreaders

Pasganan-obrach Ìre 3 AS1-AS3 Gàidhlig
An t-Àm airson nan Naidheachdan

Image: Illustration of PDASeo an dara pasgan ann an sreath a chaidh a dheasachadh às ùr do sgoilearan eadar AS1 agus AS3 san àrd-sgoil.  Tha Criomagan Litreachais air-loidhne mar-thà agus tha e air a bhith a’ còrdadh ri sgoilearan agus tidsearan. Chaidh an dara pasgan a sgrìobhadh le Gillebrìde Mac ’IIle Mhaoil agus tha sgoilearan a’ faighinn cothrom sùil a thoirt air mar a tha naidheachdan a’ nochdadh agus cò ris a tha e coltach a bhith an sàs anns na meadhanan.  Tha cothrom aig sgoilearan cuideachd na Image: Illustration of teenager on phonenaidheachdan a leughadh bho autocue gus am faic iad am biodh iad freagarrach airson obair air BBC Alba!  Tha diofar dhòighean-obrach air am moladh anns a’ phasgan agus cothroman co-obrachadh a dhèanamh le roinnean eile far am biodh sin iomchaidh.  Image: Illustration of radioTha sinn an dòchas gun còrd am pasgan ri sgoilearan agus gum faigh iad misneachd sna sgilean bunaiteach às na diofar eacarsaichean. Nochdaidh seo air làrach Stòrlann an-ath-sheachdain agus nochdaidh clàradh de na h-earrannan èisteachd airson seo agus Criomagan Litreachas air-loidhne a dh’aithghearr.  Cùmaibh sùil a-mach airson dà phasgan eile a nochdas ann an ùine nach bi ro fhada: Na Caogadan agus Seallaidhean an t-Saoghail.




Graphic text : Ceumannan

Ceumannan 2 agus 3 – beagan fiosrachaidh

Bidh Ceumannan 2 agus 3 anns na sgoiltean sa Chèitean no tràth san Ògmhios 2010. Bheir iad seo luchd-ionnsachaidh gu ceann Ìre 3 sa Churraicealam airson Sàr-mhathais.  Tha na leabhraichean a-nise sgrìobhte agus tha luchd-dealbhachaidh a’ cur gleans orra an-dràsta fhèin.  Nì Stòrlann cinnteach gum bi còmhdaich sheasmhach làidir air na leabhraichean ùra. Bidh sinn a’ clàradh earrannan èisteachd a dh’aithghearr agus tha Stòrlann cuideachd air a bhith ag obair air barrachd stuth air-loidhne – mar eisimpleir, geamannan stèidhichte air a’ chànan ùr sna leabhraichean.

 

Ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhìth oirbh no ma tha beachdan sam bith agaibh mu ghoireasan àrd-sgoile, leigibh fios gu: Shona NicCarmaig, Oifigear Leasachaidh (Gàidhlig san àrd-sgoil) shonacormack@storlann.co.uk no air 07768 431354.

 

Graphic: FF correction