Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book

Sgrìobhadh Cruthachail - Kar2ouche

19 Màrt 2009

Tha Stòrlann ann an com-pàirteachas còmhla ri na foillsichearan Immersive Education toilichte cur a dh'aithghearr chun na sgoiltean Sgrìobhadh Cruthachail an dàrna tiotal a-mach às sreath Kar2ouche. Tha gach tiotal a’ gabhail a-steach taghadh farsaing de charactaran 3D, cùil-raoin, uidheaman le teacsa agus faidhlean claistinneach. Cuideachd, tha gnìomhachdan agus planaichean leasanan ann am Paca an Tidseir.

Le Kar2ouche Sgrìobhadh Cruthachail, bidh sgoilearan a’ leughadh, ag èisteachd agus a’ coimhead chlàran-sgeulachd a rinneadh mar-thà. Cleachdaidh iad caractaran, cùl-raointean, àirneis, teacsa agus eàrrainnean claistinn gus an dreach fhèin a chur air sgeulachdan agus sgrìobhadh cruthachail a dhèanamh.

Cuidichidh sgeulachd nan Trì Mucan Beaga na sgoilearan gu bhith a’ planadh agus a’ sgrìobhadh sgeulachdan sìmplidh. Bheir Cinderella cothrom dhaibh sùil a thoirt air caractar agus plot, agus obrachadh gu h-àraidh air deagh thoiseach is deagh dheireadh do sgeulachd. Faodaidh iad coimhead air dreachan eile de Cinderella, mar dreach à Kashmir agus às an Èipheit. Bheir seo piseach air tuigse mu charactar agus suidheachadh. Faodaidh iad cuideachd na h-innealan ann an Kar2ouche a chleachdadh airson earrann eile a chur ri na sgeulachdan. Tha sgoilearan air am brosnachadh gu bhith a’ planadh agus a’ sgrìobhadh sgeulachdan stèidhte air am fiosrachaidhean fhèin agus a’ cleachdadh shuidheachaidhean air a bheil iad eòlach.

 

Image: Creative Writing Collage

Graphic: FF correction