1. Òrain is rannan
Màiri NicAonghais
Cothrom òrain is rannan Gàidhlig ùra ionnsachadh airson a bhith ag obair le clann òga còmhla le Mairi NicAonghais. Tòrr spòrs agus gàireachdainn!
2. A’ sgrìobhadh òrain sìmplidh
Mòrag Stiùbhart agus Màiri NicAonghais
Cothrom òrain shìmplidh a sgrìobhadh a bhios furasta agus spòrsail a chleachdadh le teaghlaichean agus clann ag ionnsachadh Gàidhlig.
3. Mindstretchers: Bho Àrach gu Nàdar
(a’ toirt clann 0-3 a-mach)
Katy Hookham
A’ toirt clann òga 0-3 a-mach agus ag ionnsachadh bho nàdar anns a’ choimhearsneachd tro bhith a’ cluich agus a’ cleachdadh na tha timcheall airson na sgilean agus an t-eòlas aca a neartachadh.
4. Teaghlaichean agus Sgoiltean Còmhla (TASC)
Comann nam Pàrant
Diorbhail Wentworth & Carrie Afrin
Bha am buidheann-obrach seo air a ruith le Diorbhail Wentworth agus Carrie Afrin aig Comann nam Pàrant agus thug iad fiosrachadh agus taic air a bhith a’ brosnachadh Gàidhlig san dachaigh, san sgoil agus sa choimhearsneachd.
Bha fiosrachadh aca air pròiseact ùr airson a bhith ag obair còmhla ri teaghlaichean agus a’ brosnachadh Gàidhlig anns an dachaigh.
5. Eadar-ghluasadan – anns na trath ìrean
Fiosrachadh air taic do chlann anns na tràth ìrean airson an deisealachadh gu bhith a’ gluasad dhan sgoil-àraich agus dhan bhun-sgoil.
6. Go!Gaelic
Fiosrachadh air Go!Gaelic agus na goireasan a th’ ann airson taic a thoirt do phàrantan agus do chlann òga ag ionnsachadh Gàidhlig.

1. Lasadh: A’ cleachdadh stuthan practaigeach
air-loidhne/làrach-lìn cànain
Gwen Culbertson agus Màiri NicDhòmhnaill
Sùil air làrach-lìn ùr litearrachd airson ìrean bun-sgoile. Cothrom cluich leis, rannsachadh air, agus ceistean a chur air Màiri is Gwen.
2. Pròiseact an Dàrna Cogaidh
(P4-7 agus far a bheil aonadan ann le P1-7)
Jayne NicAsgaill
Chaidh goireas eadar-chuspaireil a chruthachadh air-loidhne a bheir taic do luchd-teagaisg an cuspair seo a lìbhrigeadh le clasaichean 4-7 sa bhun-sgoil.
Tha planaichean agus goireasan feumail ann a tha a’ ceangal ris na cuspairean a leanas – Aig an Dachaigh, Fògradh Chloinne, Anne Frank, Am Blitz, Prìosanaich Cogaidh agus Obair nam Mnathan. Fhuair luchd-frithealaidh cothrom sealltainn ris an làrach, beachdachadh air na stuthan agus cuid de na gnìomhan fheuchainn dhaibh fèin.
3. Fonaigs Gu Bràth (Bun-sgoil – Tràth Ìrean)
Anna Glennie agus Jayne NicAsgaill
Thug Fonaigs Gu Bràth sùil air an dòigh as èifeachdaiche air clann ionnsachadh air leughadh, stèidhichte air rannsachadh ann am foghlam an-dràsta agus air a’ mhodh teagaisg as ùire, seach ge bith dè an ‘sgeama’ a tha sa phreasa! Sa bhùth-obrach bheothail, inntinneach seo, bha iad:
- A’ bruidhinn air mar a ghabhas Còd na h-Aibideil a theagasg agus a dhèanamh brìoghmhor do dh’oileanaich – ann am Beurla ’s ann an Gàidhlig
- A’ coimhead air an rannsachadh a tha a’ dol an-dràsta agus a’ toirt iomradh air sàr chleachdadh tro Phrionnsapalan nam Fonaigs Cho-thàthte Eagarach
- A’ toirt sùil air sàr mhodh-obrach ann an teagasg leughaidh, sgrìobhaidh agus litreachaidh, agus cuideachd air prìomh mhodh-obrach agus air cleachdadh nan sgilean
- A’ toirt comhairle, obair agus goireasan gus taic a chur ri teagasg agus measadh leantainneach, agus mar a bhrosnaichear oileanaich agus pàrantan sa phròiseas seo
Thug Fonaigs Gu Bràth an t-eòlas teagaisg, na sgilean agus na goireasan a tha a dhìth do thidsearan gus gun soirbhich leis a’ chloinn gu lèir a tha an urra riutha ann an leughadh.
Chuala luchd-frithealaidh mu eadar-theachd stèidhichte air fianais gus am beàrn coileanaidh san sgoil a dhùnadh.
4. Obair PE sa bhun-sgoil
Megan NicChoinnich
Anns a’ bhùth-obrach seo, bha cothrom eòlas a chur air obair agus geamannan PE airson gach ìre sa bhun-sgoil.
Choimhead luchd-frithealaidh air na goireasan PE a th’ ann, agus fhuair iad fiosrachadh air mar a chuireas iad air dòigh seata leasanan agus plana bliadhnail PE.
5. A’ teagasg ceòl sa bhun-sgoil
Kirsteen Ghreumach
Òrain agus geamaichean dhan fheadhainn òga (Sgoil-àraich – P1/2), òrain agus òrain gnìomh do P3 – 5, agus òrain agus òrain gnìomh airson pròiseactan P4 – 7.
6. Saidheans sa bhun-sgoil
Catriona Chaimbeul agus Anna NicArtair
Sa bhùth-obrach seo chunnaic luchd-frithealaidh mar a ghabhas prògram leantainneach dhan sgoil gu lèir a chruthachadh airson Saidheans gus an fheum as fheàrr a dhèanamh den ùine air a chomharrachadh dhan chuspair sa bhun-sgoil.
Chunnaic iad obair phractaigeach, planaichean, ro-innleachdan ’s deuchainnean a ghabhas a chleachdadh.
7. STEM
Ailean Smithyman, Catriona Gilchrist, Cairistiona NicLeòid, Judy NicDhonnchaidh, Phil McKnight
Bha a’ bhùth-obrach seo ag amas air taic a chur ri cuspairean STEM sa bhun-sgoil. Fhuair luchd-frithealaidh fiosrachadh bho eòlaichean agus luchd-foghlaim air na buannachdan a tha an lùib sgilean STEM a leasachadh agus air mar a dh’fhaodas sgoiltean clubaichean STEM a chur air dòigh.
Cuideachd, chaidh iomradh a thoirt air leasachaidhean nàiseanta ann am foghlam Teicneòlais agus chuala luchd-frithealaidh mu phròiseact inntinneach a thathas a’ cur air bhog gus STEM a thoirt air adhart sa Ghàidhlig tron iomairt ùr, e-Sgoil.
8. Làn-bhogadh
Màiri Sìne Clarke agus Alison NicLeòid
Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig stèidhichte air prionnsabalan bogaidh.
Canar làn-bhogadh ris an ìre thràth de dh’ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig far nach eil cànan sam bith eile air a cleachdadh gus dèanamh cinnteach gu bheil a’ chlann a’ cluinntinn agus a’ gabhail a-steach Gàidhlig de dh’àrd-chàileachd.
Anns an t-seisean seo bhathar a’ coimhead air na molaidhean agus na modhan-obrach as fheàrr a tha san aithisg Comhairle air Foghlam Gàidhlig (Foghlam Alba, 2015) agus a’ toirt eisimpleirean air cuid de na tachartasan agus de na gnìomhan a bhios luchd-teagaisg a’ cleachdadh gus seo a choileanadh.
Bha fòcas glè làidir air èisteachd is còmhradh agus air ionnsachadh tro churraicealam a tha stèidhichte air cluich.


1. A’ toirt taic do dh’oileanaich ASN sa chlas
An Dr Fiona Lyon agus Catriona Chaimbeul
Bha a’ bhùth-obrach phractaigeach seo a’ coimhead air an Leabhar-taic ASN air-loidhne a bharrachd air a bhith a’ cruthachadh liostaichean fhaclan le prògram bathar-bog.
Chaidh coimhead air goireasan taic litearrachd agus fhuair luchd-frithealaidh cunntas air a’ phròiseact measadh leughaidh.
Chaidh coimhead air gnothaichean practaigeach a thaobh a bhith a’ toirt taic do sgoilearan air a bheil dyslexia – agus le sin do sgoilearan gu lèir!
2. Leughadh, sgrìobhadh agus ionnsachadh còmhla ri Ceitidh, Guth Coimpiutair Gàidhlig
Pòl Nisbet
Sa bhùth-obrach seo dh’ionnsaich luchd-frithealaidh mar a chleachdas tu Ceitidh, a’ chiad ghuth coimpiutair sa Ghàidhlig, airson oileanaich FMG a chuideachadh.
Tha leughadairean coimpiutair nam buannachd mhòr, gu h-àraidh do dh’oileanaich le duilgheadasan litearrachd agus ASN, ach faodaidh a h-uile oileanach ann am FMG teacsa-gu-cainnt a chur gu feum ann a bhith a’ dearbh-leughadh agus a’ toirt piseach air an sgrìobhadh aca. Fhuair luchd-frithealaidh a-mach mar a leughas tu teacsa bhon eadar-lìon, bho leabhraichean agus bho mheasaidhean (mar eisimpleir, ann an Teisteanasan Nàiseanta Litearrachd far nach fhaod daoine leughadh a mheasadh, ach faodaidh Ceitidh) no ann an deuchainnean.
Dh’ionnsaich iad cuideachd mar a chleachdas tu Ceitidh còmhla ri bathar-bog airson taic a chur ri sgìobhadh, mar Clicker 6/7 agus Penfriend XL.
Fhuair iad CD le bathar-bog a’ ghuth an-asgaidh airson a chleachdadh aig an taigh agus anns an sgoil.
3. Comas air Obair agus Sgilean: Ag ullachadh airson saoghal na h-obrach
Joan NicAoidh agus Maeve NicFhionghain, Foghlam Alba
Bha compàirtichean a’ toirt sùil air na cùisean air cùl a bhith ag ullachadh òigridh airson saoghal na h-obrach, agus a’ phàirt a tha acasan ann a bhith a’ coileanadh nam builean do chlann agus do dh’òigridh 3-18.
Bha fiosrachadh ann air an adhartas gu ruige seo agus chaidh beachdachadh air na planaichean airson nam bliadhnaichean ri teachd.
Bha cothrom aig compàirtichean bruidhinn air an eòlas fhèin a thaobh a bhith ag ullachadh clann agus òigridh airson saoghal na h-obrach.
Bha cothrom ann cuideachd smaoineachadh air gnìomhan ionnsachaidh co-cheangailte ri saoghal na h-obrach le fòcas sònraichte air Dreuchdan sa Ghàidhlig.
4. Am Frèam Leasachaidh Nàiseanta
Charles Rooney agus Maeve NicFhionghain, Foghlam Alba
Thug an seisean seo am fiosrachadh as ùire air a’ Frèam Leasachaidh Nàiseanta agus chaidh beachdachadh air a’ bhuaidh a th’ aige air Foghlam Gàidhlig.
Bha cothrom aig compàirtichean bruidhinn air na prìomhachasan agus na sia raointean a chaidh a chomharrachadh sa Frèam Leasachaidh Nàiseanta.
5. Ionnsachadh co-obrachail
Mark Jones agus Sophie Beavitt
Fhuair luchd-frithealaidh fiosrachadh air ionnsachadh co-obrachail mar dhòigh-teagaisg le structar air, ach a tha fhathast sùbailte.
Tha e a’ gabhail a-steach fuasgladh cheistean, ionnsachadh tro labhairt, eadar-eisimeileachd dheimhinneach, cunntachalachd dhaoine fa leth agus cuideam air sgilean sòisealta agus acadaimigeach.
Bha luchd-frithealaidh a’ gabhail pàirt agus ag ionnsachadh tro innleachdan ionnsachaidh co-obrachail, agus fhuair iad a-mach mar a dh’fhaodas tu piseach a thoirt air èasgaidheachd nan oileanach, an dà chuid ann an clas luchd-ionnsachaidh agus ann an clas fhileantach.

1. SQA – Sgrìobhadh aig Àrd Ìre do luchd-ionnsachaidh
Eòghan Stiùbhart
’S e prìomh neach-dearbhaidh SQA airson luchd-ionnsachaidh a th’ ann an Eòghan agus anns a’ bhùth-obrach seo bha e a’ coimhead air dè tha a dhìth airson ìre nàiseanta a ruighinn aig an Àrd Ìre.
Bha cothrom ann coimhead ris na diofar ìrean agus chaidh sùil a thoirt air na cleasan, na sgilean agus na comasan a bhios a dhìth air oileanaich airson an comharra sgrìobhaidh aca a thoirt air adhart.
2. Ceumannan
Chrisma NicPhàrlain
Bha a’ bhùth-obrach seo a’ toirt sùil air na tha san amas airson Ceumannan 5 agus na chaidh ullachadh gu ruige seo dheth.
Cuideachd, bha cothrom aig tidsearan beachdan a thoirt seachad air dè bu chòir a bhith ann an Ceumannan 5.
3. Ag ullachadh agus a’ measadh deuchainnean labhairt nam fileantach: N5/H/AH
Fiona NicAonghais agus Iain MacAonghais
Bha compàirtichean a’ sealltainn air mar a dh’ullaicheas tidsearan àrd-sgoile sgoilearan gu bhith a’ dèanamh cho math ’s as urrainn dhaibh sna deuchainnean labhairt aig SQA.
Bha iad cuideachd a’ measadh eisimpleirean labhairt aig diofar ìrean bho N5 gu Àrd Ìre agus cuideachd aig Sàr Àrd Ìre.
4. Deagh Ghàidhlig
Eòghan Stiùbhart agus Màiri NicRisnidh
Bha Eòghan a’ stiùireadh thidsearan tro ghoireas gràmair ùr Stòrlann airson gràmar a theagasg gu ìre nàiseanta agus bha cothrom ann airson còmhradh agus deagh-chleachdadh a roinn ri chèile.
Bha iad a’ bruidhinn air mar a ghabhas an goireas a chleachdadh anns an t-seòmar-teagaisg.
5. A’ neartachadh sgilean sgrìobhaidh
Catriona Nic a’ Phì
Bha a’ bhùth-obrach seo a’ coimhead air dòighean anns am faodar sgoilearan a bhrosnachadh gu bhith a’ sgrìobhadh gu siùbhlach sa Ghàidhlig.
Chaidh coimhead ri mar a ghabhas sgilean sgrìobhaidh cruthachail agus litreachail na cloinne a neartachadh.

