Gràmar
Tha Mòrag NicIlleathain air a bhith ag obair aig Stòrlann mar eadar-theangair o 2009 agus bidh i a’ cuideachadh le goireasan gràmair.
Tha na seiseanan CLPL Gràmair seo stèidhichte air na prìomh chuspairean ann an Clàr-innse Mìrean, an làrach-lìn do thidsearan a tha a’ mìneachadh mar a tha a’ Ghàidhlig ag obair. https://storlann.co.uk/mirean
Tha na cuspairean air an cur a-mach ann an cànan soilleir, sìmplidh, le tòrr eisimpleirean agus eacarsaichean beaga an cois gach cuspair.
Tha PowerPoint ann airson gach seisean. Bu chòir a luchdachadh a-nuas mus tòisich a’ bhidio, agus na h-eacarsaichean a dhèanamh ann fhad ’s a tha an seisean a’ dol air adhart.
Tha clàr an seo a’ sealltainn cuspair gach seisein. Chaidh an clàradh le dùil gun deigheadh luchd-cleachdaidh tromhpa bhon toiseach.
An dèidh dhut clàradh airson nam bùthan-obrach seo, faodaidh tu tilleadh chun na duilleig seo aig àm sam bith le bhith a’ comharrachadh na duilleig nad bhrobhsair no a’ gleidheadh an t-seòlaidh https://www.storlann.co.uk/an-t-alltan/gd/gramar
Bhiomaid nad chomain nam b’ urrainn dhut foirm-measaidh a lìonadh nuair a choimheadas tu air na bhidiothan.
Tha Mìrean a’ toirt stiùireadh air:
- na prìomh phàtrain ann an gràmar na Gàidhlig
- mar a dh’fhaodas tidsearan an teagasg agus an daingneachadh sa chlas.
Tha e air a mholadh gun cuir sgoiltean ri chèile prògram cànain stèidhte air Mìrean a bheir Gàidhlig sgoilearan air adhart ceum air cheum, o sgoil-àraich gu àrd-sgoil.
Bu chòir seo a bhith a’ gabhail a-steach:
- ‘leasain’ cànain air an dèanamh gach latha (no co-dhiù gu cunbhalach)
- teagasg agus daingneachadh cànain an lùib obair àbhaisteach a’ chlas.
Tha an stiùireadh air an làrach-lìn seo a’ dèiligeadh ri ceistean sònraichte a thaobh cleachdadh agus a’ feuchainn ris na ceistean sin a fhreagairt.
Chan eil e a’ toirt stiùireadh iomlan air gach taobh de na puingean a tha air an còmhdach.
Tha an stiùireadh ag amas air luchd-leughaidh aig a bheil eòlas air a’ Ghàidhlig mu thràth seach a bhith na theacsa bunaiteach airson ionnsachadh a’ chànain.
App Iùl Gràmair
Tha postairean tarraingeach air an cur a-mach ann an stoidhle gailearaidh a tha furasta a bhrobhsadh.
Tha fiosrachadh orra mu mhearachdan cumanta ann an Gàidhlig sgrìobhte agus mar a ghabhas an seachnadh.
Agus, an riochd ceart aig ro-riochdairean cumanta.
Gabhaidh gach postair a phriontadh mar sgrìobhainn A4 gu dìreach bhon app.