Skip to content
Josie MacLeod, Workshop 2019
Joan MacKay, Education Scotland, Keynote, An t-Alltan 2018
Workshop, An t-Alltan 2018

Fàilte

Thèid An t-Alltan 2019 a chumail ann an Ionad Co-labhairt MhicDhòmhnaill san Aghaidh Mhòir, air 2 & 3 An Dàmhair.

Bidh a’ cho-labhairt seo a’ toirt sàr chothrom do luchd-foghlaim Gàidhlig air leasachadh dreuchdail agus a’ toirt cothrom sùil a thoirt air iomairtean teagaisg agus ionnsachaidh ùra tro òraidean agus tro bhùthan-obrach.

 

Logo: STòrlann Nàiseanta na Gàidhlig

Bùthan-obrach 2019

Tràth-ìrean

Ag ionnsachadh còmhla

Marianne Nairn  & Gillian Fhoirbeis

CALA/ Peeple

A’ toirt taic do chlann agus do phàrantan a bhith a’ cluich agus ag ionnsachadh còmhla.

Gàidhlig nan Òg

Jackie Mullen

Bidh Jackie Mullen, co-òrdanaiche Gàidhlig nan Òg, a’ lìbhrigeadh bùth-obrach air susbaint a’ ghoireis ùir seo aig Stòrlann agus mar a ghabhas a chur gu feum ann am foghlam nan tràth-ìrean agus san dachaigh.

Gheibh thu cothrom coimhead ris an làraich-lìn agus na cuspairean a tha na broinn a rannsachadh. Me A’ bhodhaig & an Aodann, Àireamhan agus Gnothaichean Làitheil.

Cluich a-muigh

Luchd-obrach tràth-bhliadhnachan BNG

Goireasan agus rudan sìmplidh airson cluich a- muigh le clann agus pàrantan.

Ceòl Tràth-ìrean

Lisa NicDhòmhnaill

’S e dòigh mhìorbhaileach a th’ ann an seinn gus clann fhaighinn an sàs ann an ionnsachadh cànain. Le faiceall, agus le tuigse air feumalachdan na cloinne air a bheil sinn ag amas, gabhaidh am feum as fheàrr a thoirt à seinn airson ionnsachadh.

Trèanadh air Baga Rannsachaidh Bookbug

Joanna Nicholson

Bheir an seisean trèanaidh seo tuigse do luchd-obrach air mar as urrainn dhaibh Baga Rannsachaidh Bookbug a thoirt seachad ann an dòigh èifeachdach a dh’fhàgas a’ chlann air bhioran mu leabhraichean, sgeulachdan agus leughadh.

Tha Baga Rannsachaidh Bookbug air a thoirt mar phreusant do gach leanabh trì bliadhna ann an Alba sa bhliadhna ron bhliadhna ro-sgoile aca. Tha am Baga Rannsachaidh air a lìonadh le leabhraichean, ceòl, stuthan airson dealbhan a tharraing, agus goireasan eile a bhrosnaicheas eadar-obrachadh eadar pàrant agus leanabh. Tha sgrùdadh air sealltainn dhuinn gu bheil feum nas fheàrr air a thoirt às na bagannan nuair a tha pàrantan agus clann an lùib toirt seachad nam bagannan.

 

Amasan a’ Chùrsa

  • Tuigse a thoirt do luchd-obrach air mar as urrainn dhaibh Baga Rannsachaidh Bookbug a thoirt seachad ann an dòigh èifeachdach a dh’fhàgas a’ chlann air bhioran mu leabhraichean, sgeulachdan agus leughadh
  • Tuigse nas fheàrr a thoirt air mar as urrainnear pàrantan fhaighinn an sàs ann an toirt seachad bagannan Bookbug, agus air carson a tha seo cudromach
  • Beachdan a thoirt airson ghnìomhan pragtaigeach a thogas ùidh agus aighear mus tèid na bagannan a thoirt seachad
  • Prìomh theachdaireachdan mu bhith a’ leughadh còmhla a chomharrachadh, a bheir iad gu pàrantan

·         Sealltainn mar a tha am Baga Rannsachaidh a’ co-cheangal ri GIRFEC agus ris a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais.

Quickview

Seiseanan sònraichte

Cearcall (Mothachas)

Anns an t-seisean seo bidh Susan bho Cearcall a’ bruidhinn air mothachas – dè th’ ann (agus dè nach ann), agus dè a’ bhunait fianais a th’ ann airson mar a tha mothachas air soirbheachadh o chionn ghoirid. Bidh i a’ bruidhinn cuideachd air an obair aice, a’ teagasg mothachas ann an sgoiltean do dhaoine òga agus do thidsearan le chèile. Tha e aithnichte gu bheil mothachas mar chleachdadh a’ dèanamh feum do dhaoine òga, ach gu tric cha bhi guth air tidsearan. Nuair a tha ìrean uallaich ag èirigh am measag an t-sluaigh san fharsaingeachd, faodaidh am modh-obrach seo feum a dhèanamh dhuinn uile. Bidh sinn cuideachd a’ dèanamh eacarsaich air mothachas anns an t-seisean feuch am fiosraich sibh fhèin greisean mothachail.

STaG – Speech Therapy and Gaelic App

Bidh Chris Mitchell a’ stiùireadh bùth-obrach ghnìomhach a tha a’ sealltainn app – STaG (Speech Therapy & Gaelic) – a chaidh a leasachadh le Stòrlann agus Lumberjack Digital do Aonad Cainnt agus Cànain Bòrd Slàinte nan Eilean Siar. Chaidh STaG a chur air bhog sa Ghearran le John Swinney, an Leas-phrìomh-mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean. On uair sin tha STaG air a chleachdadh gus taic a thoirt do chlann aig a bheil feumalachdan taic a bharrachd. Bidh a’ bhùth-obrach a’ cur fòcas air gnìomhan eadar-obrachail agus goireasan fuaim.

IntoFilm

San t-seisean seo coimheadaidh sinn air na h-eacarsaichean air mothachas sa ghoireas Mothachas tro Film – cruinneachadh de chriomagan bho fhilmichean aithriseach agus le òigridh – a tha a’ crìochnachadh le gnìomh aotrom a’ dèanamh film. Gheibh thu misneachd a thaobh a bhith a’ tuigsinn mar a chleachdas tu film gus taic a thoirt do dhaoine òga a tha a’ tighinn faisg air suidheachaidhean dùbhlanach, mar deuchainnean agus eadar-ghluasad. Gu h-àraidh freagarrach do fheadhainn a tha a’ teagasg aois 7-13.

Ag Ath-bheothachadh Gàidhlig 3-18 (Alasdair Bauld)

San t-seisean seo mìnichidh Alasdair Bauld, Acadamaidh Dhòrnaich, dè bha an lùib an sgoil 3-18 a chur air bhonn (Caolas Dhòrnaich – Acadamaidh Dhòrnaich + Bun-sgoil Dhòrnaich + Bun-sgoil Drochaid a’ Bhanna). Chaidh seo a dhèanamh aig an aon àm ’s a bha Poileasaidh Cànain 1 + 2 ga chur an sàs, mar dhòigh air Gàidhlig ath-bheothachadh san ASG an dèidh dhi cha mhòr a dhol à sealladh o chionn beagan bhliadhnachan, nuair a chaidh an clas Gàidhlig ann an Drochaid a’ Bhanna a dhùnadh rè ùine. Bidh fiosrachadh ann air toirt gu buil, nithean pragtaigeach agus miann airson an àm ri teachd.

Tobar an Dualchais

Anns an t-seisean seo, seallaidh Tobar an Dualchais na goireasan-taic ùra a th’ aca do thidsearan àrd-sgoil. Tha taghadh de 25 clàran-fuaim ann, le sgeulachdan traidiseanta agus fiosrachadh air cleachdaidhean agus dòighean-beatha nam measg. Tha tar-sgrìobhadh ann airson gach clàr agus tha bhidiothan an cois 10 dhiubh, far an deach na clàran ath innse ann an dòigh nas sìmplidh. Tha cuideachd notaichean-taic agus molaidhen do thidsearan ri fhaighinn. Thigibh ann gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu na goireasan cuideachail seo.

Scottish Book Trust – Bookbug

Tha Prògram Bookbug an Scottish Book Trust a’ toirt bhagannan sa bheil leabhraichean agus goireasan eile do chlann a th’ air an ùr bhreith suas gu Clas 1. Tha riochdan Gàidhlig ann de na bagannan gu lèir do chlann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus do theaghlaichean aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig. Taing do mhaoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig airson an dà bhliadhna mu dheireadh, rinn iad riochdan Gàidhlig de Phasgain Tidseir Clas 1 anns an robh na leabhraichean a bha sa Bhaga Teaghlaich Ghàidhlig do Chlas 1. Bha beachdan ann cuideachd airson ghnìomhan a dhèanadh iad leis na bagannan san sgoil agus airson a dhol an sàs le pàrantan.

 Tha am Buidheann Fòcas seo ag amas air Tidsearan Clas 1 agus ’s e seisean eadar-obrachail a bhios ann, a’ cruinneachadh fios air ais air na Pasgain Tidseir Ghàidhlig agus air Bagannan Gàidhlig Clas 1. Bheir an Scottish Book Trust leabhraichean Gàidhlig do gach neach a ghabhas pàirt mar thaing dhaibh.

Clàr-ama na Co-labhairt

Dimàirt 1 An Dàmhair
19:00 – 20:00

Clàradh

Fosgladh / Òraid

JOHN SWINNEY
John Joe MacNeil

Tha sinn air leth toilichte innse gum bi John Swinney BPA, Leas-phrìomh-mhinistear na h-Alba agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean, a’ fosgladh an Alltain agus an uair sin gun cluinn sinn  bho John Joe MacNèill, Àrd-cho-eòlaiche Foghlam Gàidhlig, Oilthigh Dhùn Èideann.

An t-Alltan 2019

“Tha e math a bhith coinneachadh ri daoine eile san aon shuidheachadh riut fhèin.”

[themify_icon icon=”fa-twitter” icon_bg=”#FFFFFF” icon_color=”#991896″ ] An t-Alltan air Twitter

[themify_twitter username=”antalltan” show_count=”4″ show_timestamp=”false” show_follow=”true” ]

 

Alltan Mascot