
Fo Bhruid
"Ràinig mi a' chèidse gun trioblaid sam bith ach bha na gaisein air cùl m' amhaich ag èirigh, is fios a'm nach biodh m' uncail air mo leigeil a-mach à sealladh gun rudeigin air choreigin a bhith fa-near dha. Dh'fhosgail mi an doras-slaodaidh air a' chèidse, chithinn am putan dearg crochte anns an dorchadas. Bha mi air ceum a thoirt a-steach dhan lioft nuair a reub gath gorm dealanaich tron togalach gu lèir 's mhothaich mi nach robh làr anns an lioft idir."
Às deidh bàs a phàrantan tha Khaleel na aonar san t-saoghal gun cheangal sam bith. Sin gus am faigh e a-mach gu bheil uncail aige. Carson nach robh seo air innse dha roimhe agus dè an còrr de eachdraidh a theaghlaich a chaidh a chumail bhuaithe?
Tha Torcuil Crichton air an sgeulachd ainmeil aig Robert Louis Stevenson, Kidnapped, a thoirt beò a-rithist agus air a tarraing dhan latha an diugh. Lean Khaleel air a thuras a lorg a' chàirdean agus a dhualchas.
Èist!
Leabhraichean-d
Tha leabhraichean-d a-nis rim faighinn airson Leughadairean-d agus innealan Kindle. Gabhaidh Kindle airson PC a luchdachadh a-nuas.
Fo Bhruid epub (Leughadairean-d)
Fo Bhruid mobi (Kindle)
Memrise
//www.memrise.com/course/277207/fo-bhruid/