Atlas Sgoile Oxford
Tha sinn toilichte an goireas ùr tarraingeach seo a thoirt thugaibh airson sgoilearan le Gàidhlig. ’S e seo a’ chiad atlas Gàidhlig a tha a’ còmhdachadh an t-saoghail gu lèir.
Tha Atlas Sgoile Oxford gu tur ùr agus ag amas air prìomh fheumalachdan cruinn-eòlais. Tha e furasta a chleachdadh, tha na mapaichean soilleir, ceart agus tha còmhdachadh coileanta air Eileanan Bhreatainn cuide ri taghadh farsaing de mhapadh mòr-thireach agus cruinneil. Tha rannsachaidhean-cùise ann air diofar dhùthchannan agus cuspairean mar crithean-talmhainn agus bholcànothan. Bidh e na ghoireas sgoinneil airson phròiseactan tar-churraicealam an lùib Curraicealam airson Sàr-mhathais.
Tràth ann am pròiseact an atlas choinnich sinn ri pannal ‘An Seotal’ gus prionnsapalan aontachadh a bheireadh stiùir don eadar-theangachadh. Bha dreachd de na prionnsapalan air a dhol a-mach ro-làimh gu pannal thidsearan agus chaidh na beachdan acasan a dheasbad aig coinneamh ‘An Seotal’. Tha na prionnsapalan a lean sinn rim faicinn gu h-ìosal.
Bha e na phrionnsapal bunaiteach nach robh sinn a’ dol a dh’fheuchainn ri ainmean àitean a chur ann an litreachadh Gàidhlig, ach gun cleachdamaid riochdan Gàidhlig a bha aithnichte. Bha sinn mothachail gun robh Map-balla an t-Saoghail air a bhith anns na sgoiltean airson greis mhath, agus Map Alba. Chaidh saothair mhòr a dhèanamh le riochdan nan ainmean anns na goireasan sin, ach ann am beagan àitean chaidh an atharrachadh ann an Atlas Sgoile Oxford airson adhbharan cunbhalachd air neo airson an leasachadh ri linn stiùireadh ùr bho Ainmean-Àite na h-Alba.
Chaidh riochd ainmean nan àitean a làimhseachadh san aon dòigh ri na prionnsapalan agus chaidh na molaidhean a dheasbad aig coinneamh ‘An Seotal’ aig an robh riochdairean bho Ainmean-Àite na h-Alba agus am BBC am measg na bha an làthair. Tha liostaichean de na h-ainmean a chaidh a chleachdadh san atlas rim faicinn gu h-ìosal.
Gur math a thèid leibh leis an atlas ùr!
Dùthchannan - Beurla gu Gàidhlig
Dùthchannan - Gàidhlig gu Beurla
Sasainn A' Chuimrigh E. Mhanainn - Beurla gu Gàidhlig