Sgoil agus Beurla nuair a bha am fiosraiche òg
Sgoil agus Beurla nuair a bha am fiosraiche òg

Sgoil agus Beurla nuair a bha am fiosraiche òg

Goireasan

Goireasan priont
Gheibh sibh na stuthan-taic agus copaidh den tàr-sgrìobhadh/sgriopt airson priontadh an seo.

Icon

Fios mu na clàran

47.01 KB 103

 http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/2650/1

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Anns an earrainn seo, tha an t-Urramach Tormod Dòmhnallach, à Cille Mhoire san Eilean Sgitheanach, a’ bruidhinn ri Calum Iain MacIllEathain air mar a bhiodh diofar ìrean de Ghàidhlig agus Beurla aig na fir agus na boireannaich san sgìre aige agus na h-adhbharan airson sin.

  1. Dè an diofar a bh’ ann eadar na sgilean cànain aig na fir agus na boireannaich, a rèir Thormoid, a’ chiad neach a tha a’ bruidhinn?
  2. Dè tha e ag ràdh mun Bheurla a bha aig na fir?
  3. Dè a’ cheist a tha an dàrna neach, Calum, a’ cur?
  4. Carson a bhiodh pàrantan a’ strì gus foghlam fhaighinn dha na gillean gu sònraichte?
  5. Tha Tormod ag ainmeachadh dà rud a dh’fheumadh na pàrantan pàigheadh airson foghlam na cloinne. Dè iad?
  6. Am biodh na nigheanan idir a’ fàgail na dùthcha airson obair fhaighinn?
  7. Carson nach robh trioblaid sam bith aig na gillean nach d’ fhuair an sgoil Beurla a thogail nuair a chaidh iad dhan Ghalltachd?
  8. A rèir Thormoid, dè cho math ’s a bha a’ Ghàidhlig aig na daoine seo?

Briathrachas

fèilltean – far am bi crodh agus caoraich gan reic
strì – oidhirp mhòr gus rud a dhèanamh no a thoirt gu bith
a’ cosnadh an lòin – a’ dèanamh bith-beò; a’ faighinn pàigheadh airson obair
cosnadh – obair airson tuarastal fhaighinn
na h-igheanan – na nigheanan
gun saothair – gun obair, gun dragh

Blas na Beurla
Gheibhear Blas na Beurla nuair a bhios structaran cànain a bhuineas don Bheurla, mar ghràmar agus co-chàradh, gan cur air a’ Ghàidhlig. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil a’ Ghàidhlig ga lagachadh agus uaireannan nach bi e a’ dèanamh ciall.

Smaoinich air mar a tha a’ Bheurla a’ toirt buaidh air do chuid Gàidhlig. Dè na mearachdan a bhios tu a’ dèanamh sa Ghàidhlig leis gu bheil buaidh ro mhòr aig a’ Bheurla ort? Bruidhinn ri do thidsear Gàidhlig. Bidh beachd math aca air dè na rudan as motha a bhios tu ag ràdh is a’ sgrìobhadh gu cunbhalach.

Dèan liosta air na rudan a dh’fheumas tu seachnadh agus na tha thu a’ dol a dhèanamh airson do chuid Gàidhlig a thoirt air adhart. Bheir do thidsear cuideachadh dhut le seo.

Cruthachadh is Dealbhadh

Deasbad agus Rannsachadh
Dèan deasbad sa chlas an toiseach. Smaoinich air na puingean a leanas:

  • A bheil e ceart gun robh na pàrantan a’ faighinn foghlam dha na balaich seach na nigheanan?
  • Carson nach robh iad a’ toirt foghlam dha na nigheanan?
  • An urrainn dhuinn coimhead air bho shealladh eile a chionn ’s gun robh an saoghal diofraichte
    an uair sin? No an e rud mì-chothromach a th’ ann ge bith cuin a thachair e?

Cuir na beachdan a thàinig am follais gu feum ann an aiste bheachdail, ma thogras tu.

Rannsachadh
Dèan beagan rannsachaidh air Malala Yousafzai. Cò i? Dè thachair dhi agus carson?
Dè bhios i a’ feuchainn ri dhèanamh airson foghlam fhaighinn do nigheanan?

Cuir na rudan a gheibh thu a-mach ann an aiste bheachdail no dèan postair mu dheidhinn a’ chuspair.

Notaichean & Freagairtean

  1. Cha robh Beurla aig na boireannaich. Bha beagan Beurla aig na fir.
  2. Bha i cothromach/math.
  3. Ciamar a bha iadsan (na fir) a’ faighinn na Beurla barrachd air na boireannaich?
  4. Bha fios aca gum feumadh na balaich falbh airson obair fhaighinn, agus bhiodh beagan Beurla na chuideachadh dhaibh.
  5. Dh’fheumadh iad pàigheadh airson sgoil agus leabhraichean.
  6. Cha bhiodh idir. Bhiodh iad a’ fuireach aig an dachaigh.
  7. Cha robh trioblaid aca oir bha an inntinn geur agus fosgailte.
  8. Bha a’ Ghàidhlig aca gu slàn agus gu fallain. Cha robh buaidh aig a’ Bheurla air an cuid Gàidhlig. Cha robh iad a’ cur Beurla am measg na Gàidhlig.

Am Fiosraiche
An t-Urramach Tormod Dòmhnallach (1904-1978). Rugadh agus thogadh e ann am Bhaltos san Eilean Sgitheanach. Bha e mion-eòlach air dualchas agus seanchas nan Gàidheal agus sgrìobh e mòran mu dheidhinn. Tha an t-uabhas de chlàran aige air làrach-lìn Tobar an Dualchais.

Geàrr-chunntas
Nuair a bha Tormod òg, cha robh Beurla sam bith aig na boireannaich. Bha beagan aig na fir, agus bha am beagan sin cothromach. Bhiodh pàrantan a’ dèanamh strì airson ’s gum biodh beagan sgoile aig na balaich, oir bha fios aca gum biodh beagan Beurla na chuideachadh dhaibh nam falbhadh iad gus cosnadh a dhèanamh. Bho nach biodh na h-igheanan a’ falbh, cha robh feum aca air sgoil. Fiù ’s ged nach biodh aig na balaich ach beagan Beurla, thogadh iad a’ chànan gun saothair nam falbhadh iad gu tìr-mòr. Cha bhiodh iad idir a’ measgachadh na dhà. Bha a’ Ghàidhlig aca slàn agus fallain.

Ceanglaichean

Fiosrachadh air an fhoghlam a fhuair am fiosraiche na òige.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/68805/1

Tha Dòmhnall MacNeacail a’ bruidhinn mun sgoil a fhuair e agus e na ghille. Chaidh e dhan sgoil aig aois sia bliadhna agus bha e innte gus an robh e ceithir bliadhn’ deug. Bha na mnathan-sgoile coma co-dhiù an robh clann ag ionnsachadh. Dh’ionnsaich e barrachd anns a’ bhliadhna mu dheireadh, aig Niall MacLeòid. Cha b’ urrainn dha fuireach anns an sgoil oir bha iad cho bochd. Cha robh Gàidhlig aig an luchd-teagaisg agus cha robh Beurla aig a’ chloinn. Leughadh iad ach cha robh iad a’ tuigsinn. Bha iad math gu leòr le àireamhan. Dh’ionnsaich e Gàidhlig a leughadh le bhith a’ gabhail adhradh anns an dachaigh.

Sgoil ann am Bun Easain.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/31403/1

Chaidh Dòmhnall Moireasdan dhan sgoil ann am Bun Easain. Dh’fhàg e aig aois trì bliadhn’ deug. Tha e air tòrr leughaidh a dhèanamh ann am Beurla agus Gàidhlig; dh’ionnsaich e am Bìoball a leughadh anns an sgoil. ’S e Mac a’ Mhaighstir am maighstir-sgoile a bh’ ann. Cha robh bruidhinn na Gàidhlig air a thoirmeasg idir. Bhite ag iomain.