Eaconamas Dachaigh
06 An Damhair 2011
Tha Stòrlann Nàiseanta Na Gàidhlig toilichte a ràdh gu bheil an goireas airson Eaconamas Dachaigh a-nis air fhoillseachadh.
Thathas an dòchas gun cuidich an goireas seo le bhith a’ teagasg Eaconamas Dachaigh tro mheadhan na Gàidhlig agus gum brosnaich e tuilleadh ùidh ann an slàinteachas, a bhith cruthachail, agus smaoineachadh mun àrainneachd.
Chaidh an goireas a sgrìobhadh le buidheann comhairleachaidh Eaconamas Dachaigh, agus bu thoigh leinn taing mhòr a thoirt dhaibhsan airson obair ionmholta a dhèanamh.
A bharrachd air a’ ghoireas chruaidh, tha CD na chois air a bheil a h-uile càil a tha ri fhaotainn anns a’ ghoireas fhèin. Cuideachd, bidh stuthan-taice air-loidhne, me deuchainnean-cheist airson gach aonad.