Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic: Faclair na Sgoile

Faclair na Sgoile

16 An t-Samhain 2011

Air ùr nochdadh bho Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig tha Faclair na Sgoile.  ’S e ath-fhoillseachadh a tha san fhaclair de Bhrìgh nam Facal, le Ridseard Cox, a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1991.  Ann a bhith ag ùrachadh an fhaclair chaidh grunn leasachaidhean an cur an gnìomh:

  • Litreachadh air a leasachadh a-rèir GOC 2 (2005)
  • Faclan cinn ann an teacsa dearg gus lorg a dhèanamh nas fhasa
  • Eisimpleirean de dhòighean cleachdaidh fhaclan
  • Na diofar thràthan de ghnìomhairean neoriaghailteach

Tha sinn air leth toilichte ris an fhaclair agus taingeil dhan h-uile duine a bha an sàs aig diofar amanan.  Thathar an dòchas gum bi e gu feum do sgoilearan aig gach ìre.

 

 

Graphic: FF correction