Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic: Donald William Morrison

Ceannard ùr dha Stòrlann

23 Am Faoilleach 2012

Tha Stòrlann, a’ bhuidheann a bhios ag ullachadh stuthan teagaisg Gàidhlig do sgoiltean, air fhoillseachadh gu bheil iad air ceannard ùr fhastadh. ’S esan Dòmhnall Uilleam MacGille Mhoire, a b’ àbhaist a bhith ag obair aig Bòrd na Gàidhlig.

Ghabh Mgr MacGilleMhoire an obair os làimh air a’ mhìos seo fhèin agus e ag ràdh gu bheil e a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ leasachadh agus a’ cur ri obair na buidhne. Tha e a’ gabhail thairis na dreuchd bho Johanna Marshall, a tha air tilleadh gu teagasg.

Bho chaidh Stòrlann a stèidheachadh ann an 1999, tha an obair aca air sìor dhol am meud an cois leudachadh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha iad a-nis a’ cur a-mach raon farsaing de stuthan airson sgoiltean-àraich, bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean.

A thuilleadh air leabhraichean is eile a chruthachadh dha sgoiltean, tha a’ bhuidheann an urra ri làrach-lìn Gaelic4Parents, far am faigh pàrantan stiùireadh ann a bhith a’ cuideachadh an cuid chloinne le obair dachaigh.

Tha An Seotal an lùib na buidhne cuideachd – pròiseact a tha a’ leasachadh briathrachas ùr airson nan goireasan a thathar ag ullachadh airson nan sgoiltean.

Tha na prìomh oifisean aig Stòrlann ann an Steòrnabhagh agus tha seachd duine deug de luchd-obrach aca stèidhichte ann an diofar àitean an Alba.

Thuirt Mgr MacGilleMhoire, aig a bheil còrr air trichead bliadhna de dh’eòlas air obair leasachaidh ann an raointean ealain, foghlaim agus cànain: “Bu mhath leamsa togail a dhèanamh air an obair ionmholta agus na stuthan tlachdmhor a tha sgioba Stòrlann air a thoirt gu buil gu ruige seo.”

Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith ag obair ann an co-bhonn ri buidhnean eile airson lìbhrigeadh a dhèanamh air na targaidean nàiseanta airson Gàidhlig ann an Alba, le amas togail agus cleachdadh a’ chànain anns an sgoil agus anns an dachaigh a bhrosnachadh.”

Buinidh Mgr MacGilleMhoire do Nis ann an Leòdhas agus bha e ag obair aig Bòrd na Gàidhlig fad ochd bliadhna, mu dheireadh a’ dèiligeadh ri planaichean Gàidhlig nam buidhnean poblach.

“Tha mi den bheachd gu bheil Stòrlann an sàs ann an obair a tha dha-rìribh inntinneach agus cruthachail anns a bheil ùidh mhòr agam,” thuirt e.

“A thuilleadh air an sin, tha a’ bhuidheann aig teis-meadhan na h-iomairt airson spionnadh às ùr a thoirt don Ghàidhlig ann an Alba  – cuspair a tha glè dhlùth ri mo chridhe fhèin.”

Thuirt cathraiche Stòrlann Seonag NicFhionghuin: "Tha sinn uabhasach fhèin toilichte gu bheil Dòmhnall air a dhreuchd a ghabhail thairis agus tha sinn làn misneachd gun toir e a dhreach fhèin air an dreuchd. Tha sinn an dùil gur e àm soirbheachail a bhios ann dha Stòrlann."


Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Dòmhnall MacGilleMhoire air:  01851 700880 


++++++++++++

Fiosrachadh do luchd deasachaidh

Tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig a’ co-òrdanachadh ullachadh agus sgaoileadh ghoireasan foghlaim Gàidhlig gu nàiseanta ann an Alba. Tha a’ bhuidheann air a maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig agus tha i ag obair ann an co-bhuinn ri ùghdarrasan ionadail air feadh na dùthcha, Ionnsachadh agus Teagasg Alba (LTS) agus buidhnean eile gus piseach a thoirt air ruigse agus càileachd ghoireasan foghlaim.

Tha àireamh bheag de ghoireasan Stòrlann do sgoiltean a-mhàin, ach tha a’ mhòr-chuid rin ceannach leis a’ mhòr-shluagh cuideachd. Nam measg seo tha faclairean, cùrsaichean, mapaichean, geamaichean, postairean agus tòrr eile. Tha tòrr dhiubh aig ìre a tha gu sònraichte freagarrach do luchd-ionnsachaidh. Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus catalog air an làrach-lìn againn, www.storlann.co.uk/goireasan

 

PRÒISEACTAN

WWW.GAELIC4PARENTS.COM

Tha an làrach-lìn www.Gaelic4Parents.com loma-làn ghoireasan do phàrantan le ùidh ann an Gàidhlig. Airson abairtean Gàidhlig do phàrantan, leabhraichean-èisteachd, fòram, òrain, rannan is tòrr eile, tadhailibh air an làraich. Ma tha a’ chlann agaibh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gheibh sibh ainm-cleachdaidh agus facal-faire on sgoil a leigeas sibh don àrainn theàrainte air an làraich far am faigh sibh taic ‘bheò’ le obair-dachaigh agus cothrom còmhraidh ri pàrantan eile.

AN SEOTAL

‘S e Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig a th’ anns An t-Seotal gu sònraichte airson taic a thoirt dha luchd-teagaisg chuspairean àrd-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig ach a tha na ghoireas feumail dha luchd-compàirt eile leithid chraoladairean agus luchd-sgrìobhaidh fhaclairean. Thathas a’ co-obrachadh le buidhnean iomchaidh gus dèanamh cinnteach gun gabhar ri briathrachas a’ phròiseict gu tar-roinneil. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air an làrach-lìn, www.anseotal.org.uk

AN T-ALLTAN

Gach bliadhna tha Stòrlann a’ ruith co-labhairt nàiseanta Ghàidhlig do thidsearan àrd-sgoile agus bun-sgoile agus luchd-obrach nan tràth ìrean. Tha a’ cho-labhairt a’ toirt sùil air iomairtean ionnsachaidh agus teagaisg co-cheangailte ri goireasan ùra Stòrlann, no goireasan anns a’ bheairt. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh agus stòr de phàipearan bho gach co-labhairt aig www.storlann.co.uk/an-t-alltan


Graphic: FF correction