Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Image: Mar a chuala mise e

Clann sgoil Innis an Uillt, Drochaid an Easbaig agus Ministear na Gàidhlig a' cur goireas air bhog

09 An Gearran 2012

Chaidh goireas ùr, Mar a chuala mise e, agus turas dràma a chur air bhog le clann Bun-sgoil Innis an Uillt, ann an Drochaid an Easbaig agus leis an Dr Alasdair Allan, am Ministear airson Ionnsachadh le uallach airson na Gàidhlig.

'S e cruinneachadh de sgeulachdan traidiseanta a th' ann am "Mar a Chuala Mise e" agus a thuilleadh air a bhith na leabhar Gàidhlig feumail ann fhèin, tha cuideachd feadhainn de na sgeulachdan air an toirt beò dha clann tro obair dràma.

Ann a bhith toirt an leabhair ri chèile, bha Stòrlann ag obair ann an co-phàirteachas leis a’ Chomhairle  airson Curraicealam, Dheuchainnean agus Measadh (CCEA) ann an Èirinn.  Mar dhòigh air cosgaisean a shàbhaladh dhan dà bhuidheann, chaidh na h-aon sgeulachdan agus na h-aon dhealbhan a chleachdadh agus an aon chòmhdach, ach le sgrìobhadh Gàidhlig dha sgoiltean na h-Alba agus facail Gaeilge ann an Èirinn.

Bha a' chiad bhliadhna a' gabhail a-steach an leabhar fhèin a chlò-bhualadh agus anns an dàrna bliadhna chuir a' bhuidheann "Meanbh-chuileag", a tha ag obair fo ùghdarras Fèisean nan Gàidheal, feadhainn de na sgeulachdan ann an riochd dràma agus is e seo iad ga chur air adhart anns an sgoil.  Thatar an dòchas na dealbhan-cluiche a thoirt gu leth-cheud ionad Gàidhlig air feadh Alba.

Image: Resource launch with Misiter for Gaelic, Dr Alasdair Allan

Graphic: FF correction