Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Image: Gaelic Globe

A' chiad chruinne Gàidhlig ga sgaoileadh

18 Giblean 2012

Aig fìor thoiseach 2012 sgaoil Stòrlann 560 cruinne gu sgoiltean-àraich, bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean air feadh Alba.

B’ e an t-amas gum biodh fear anns a h-uile sgoil-àraich agus clas Gàidhlig bun-sgoile, agus feadhainn ann an àrd-sgoiltean a bha a’ teagasg chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig.

A dh’aindeoin teicneòlas an latha an-diugh, ’s e fhathast goireas air leth feumail a th’ ann an cruinne gus clann a chuideachadh gus an saoghal sa bheil iad beò fhaicinn agus a thuigsinn.

Gabhaidh a chur gu feum anns gach cuspair cha mhòr a thèid a làimhseachadh ann an CfE, agus tha tidsearan air fàilte chridheil a chur air.

Bha oifigearan Stòrlann thall ann am Beul Feirste gus co-obrachadh air a’ ghoireas shònraichte Mar a chuala mise e a chur air bhonn.

B’ ann an uair sin a chunnaic iad cruinne Gaeilge, agus fhuair iad fiosrachadh mun chompanaidh Spàinnteach, Nova Rico, a rinn e.

Tha Nova Rico air a bhith a’ dèanamh chruinnean o 1955 agus tha an teacsa cartografaigeach aca air a dhol gu còrr is 30 cànan.

Tha an dàta poilitigeach agus cruinn-eòlais air ùrachadh gu cunbhalach. ’S ann de PVC a tha an cruinne seach pàipear mar a bha seann chruinnean.

Bidh an cartografaidh ga phriontadh OFFSET ann an dà leth air siotaichean PVC; thèid na siotaichean tro phròiseas dèanamh-falamhachd gus dà leth-chruinne a dhèanamh; an uair sin thèid tàthadh-dealanach a dhèanamh orra air loidhne a’ Chrios-mheadhain. ’S e pròiseas speisealaichte a tha seo a nì cruinne fìor cheart.

Nuair a chuir sinn Atlas Sgoile Oxford a-mach ann an 2010, bha sinn a’ togail air obair a chaidh a dhèanamh roimhe le Map-balla an t-Saoghail agus Map Alba.

Tha an-còmhnaidh ceistean timcheall air ainmean-àite Gàidhlig, ach dh’ullaich sinn prionnsapalan airson ar stiùireadh tron obair eadar-theangachaidh air an Atlas. (Chì sibh na prionnsapalan seo aig http://www.storlann.co.uk/goireasan/atlas-na-sgoile.html.)

Mar sin, bha an obair eadar-theangachaidh dèante gu ìre mhòir agus lùghdaich seo an obair a bha an cois na cruinne. Bha sampall againn deiseil airson a chur air bhog aig an Alltan san Dàmhair 2011.

Tha an cruinne deireannach nas motha na am fear a chaidh a thaisbeanadh an sin. ’S e fear 30cm a chaidh a sgaoileadh.

Tha sinne aig Stòrlann toilichte a bhith a’ cur taic ris an obair ionmholta a tha a’ dol air adhart ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus ri prìomh amas Bòrd na Gàidhlig, gun tèid àireamh luchd-labhairt is luchd-cleachdaidh na Gàidhlig a mheudachadh.

Graphic: FF correction